'S E 'n Tinneas Trom an Lòine
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF097i03N ‘S E ‘N TINNEAS TROM AN LÒINE
Beulaiche: Oighrig Bealag | Effie Bella Currie
[Séist:] Hao ri ri o rathill ò
Rathill ò rathill ò
Hao ri ri o rathill ò
'S e 'n tinneas trom a' lòine [lòidhnidh].
Feasgar dhomh is mi leam fhìn,
'S mi trom airtneulach is sgìth;
Thachair orm-sa òigear grinn,
'S cha dìochuimhnich mi ri m' bheò e.
Labhair e rium gu socair ciùin,
"'S e an-nochd oidhche na bliadhn' ùir;
Cuiridh whisky oirnn sunnd,
Nuair nì sinn druthag òl dheth."
Botul whisky is e làn,
Agus tumailear no dhà,
Soitheach siùcar, agus spàin,
Is chàradh air a' bhòrd e.
'S ann a' siud a bha stuth binn,
Rinn e fallaineachd dhomh fhìn;
Cha b' e siud gam fhàgail tinn,
Ge pàirt de bhrìgh an eòrna.
Nam biodh fios agam an-dràsd',
Càit a bheil do leannan a' tàmh,
Chuirinn facal a-staigh nad thàmh,
Gur b'fheairrde thu fad 's bu bheò e.
Thòisich Ann' air iarraidh dhachaigh,
'S móran dhan oidhch' air dhol seachad;
Ged a dh'fhanamaid gu madainn,
Bhiodh pailteas ri òl ann.
Reference sources:
"Cha Bhi Mi Buan ’s Tu Bhith Bhuam (I Will Not Survive with You Gone)," Folksongs of Atlantic Canada from the Collections of MacEdward Leach, https://mmap.mun.ca/folk-songs-of-atlantic-canada/performances/481