GF097i03N ‘S E ‘N TINNEAS TROM AN LÒINE Beulaiche: Oighrig Bealag | Effie Bella Currie [Séist:] Hao ri ri o rathill ò Rathill ò rathill ò Hao ri ri o rathill ò 'S e 'n tinneas trom a' lòine [lòidhnidh]. Feasgar dhomh is mi leam fhìn, 'S mi trom airtneulach is sgìth; Thachair orm-sa òigear grinn, 'S cha dìochuimhnich mi ri m' bheò e. Labhair e rium gu socair ciùin, "'S e an-nochd oidhche na bliadhn' ùir; Cuiridh whisky oirnn sunnd, Nuair nì sinn druthag òl dheth." Botul whisky is e làn, Agus tumailear no dhà, Soitheach siùcar, agus spàin, Is chàradh air a' bhòrd e. 'S ann a' siud a bha stuth binn, Rinn e fallaineachd dhomh fhìn; Cha b' e siud gam fhàgail tinn, Ge pàirt de bhrìgh an eòrna. Nam biodh fios agam an-dràsd', Càit a bheil do leannan a' tàmh, Chuirinn facal a-staigh nad thàmh, Gur b'fheairrde thu fad 's bu bheò e. Thòisich Ann' air iarraidh dhachaigh, 'S móran dhan oidhch' air dhol seachad; Ged a dh'fhanamaid gu madainn, Bhiodh pailteas ri òl ann.