Back to recordings
Òran an Taghaidh
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF096i04 ÒRAN AN TAGHAIDH
Beulaiche: Oighrig Bealag | Effie Bella Currie
[Effie Bella Currie:] [Séist:] Mo nighean donn 's laghach thu,
Horo b' e mo roghainn thu,
Mo nighean donn 's laghach thu,
Gun taghainn thu air d' bhòidhead.
Niall mac Raghnaill Bhàin ann,
Duine sgairteil làidir,
Is Alasdair a bhràthair,
Ag éibheachd [mar gu/marchadh??] dòigheil.
Tha drochaid an taobh shìos dhuinn,
Clachan tha 'ga dèanamh,
'S gun téid cement am bliadhna,
'Ga dèanamh cho dòigheil.
Nuair dh'fhalbh Màiri,
A-mach a dh'iarraidh pàrtan,
'S thill i 'us a ranaich
'S cha b' àill leinn a [groban?].