GF096i04 ÒRAN AN TAGHAIDH Beulaiche: Oighrig Bealag | Effie Bella Currie [Effie Bella Currie:] [Séist:] Mo nighean donn 's laghach thu, Horo b' e mo roghainn thu, Mo nighean donn 's laghach thu, Gun taghainn thu air d' bhòidhead. Niall mac Raghnaill Bhàin ann, Duine sgairteil làidir, Is Alasdair a bhràthair, Ag éibheachd [mar gu/marchadh??] dòigheil. Tha drochaid an taobh shìos dhuinn, Clachan tha 'ga dèanamh, 'S gun téid cement am bliadhna, 'Ga dèanamh cho dòigheil. Nuair dh'fhalbh Màiri, A-mach a dh'iarraidh pàrtan, 'S thill i 'us a ranaich 'S cha b' àill leinn a [groban?].