Mo Rìbhinn Choibhneil
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF094i02 MO RÌBHINN CHOIBHNEIL
Beulaiche: Fionnlagh Dhòmhnaill Alasdair | Philip MacDonald
Bàrd: Duncan MacQueen
[Séist:] Nach robh mise 's mo ribhinn choibhneil
Anns a' choill' far an ceil an smeòrach,
Eòin nan geug 's iad a' seinn le aoibhneas,
A' ghrian a' soillseadh gu boillsgeach bòidheach.
'S tha do ghruaidhean cho dearg 's na caorainn;
Mar itean fhaoileag do mhuineal bhòidheach;
Dà shùil mhìogach a mhealladh mìltean,
Do chùl [snìomhain?] mar it' an lòin-dubh.
Tha maise is uaisle is suairceas nàdair
Ann an àilleig tha banail mòdhar;
Gaol na rìbhinn thug mi fo mhì-ghean
'S i bhrist mo chrìdh' 's a dh'fhàg m' inntinn brònach.
Thug mi gaol dhut 's chan fhaod mi àicheadh,
[Ainnir àluinn?] mo leannan bòidheach;
Gaol nach caochail 's air nach tig fàilinn
Gus an càirear fo 'n an fhòd mi.
'S ged a shiùbhlainn thar nan cuantan
'S ann bhios mi smuaintean gach uair mun òg-bhean;
On chuir i cùl rium tha mi làn tùrsach,
Mo chreach, mo dhùbhrachd b' e a' chùis a leòn mi.
Soraidh slàn leis a' rìbhinn [mhàlda/bhàigheal?],
Ge b' e àite anns am bheil i còmhnaidh;
B' e mo dhùrachd gum bi thu sàbhailt,
Gach sonas 's àigh bhith aic' fhad 's is beò i.
Reference sources:
Orain A' Mhoid: Book Two (1925), p. ; "Mo Rìbhinn Choibhneil," Beaton Institute, Music: Cape Breton's Diversity in Unity, https://web.archive.org/web/20240418172626/https://beatoninstitutemusic.ca/gaelic/mo-ribhinn-choibhneil/