Back to recordings
Féill Pheadair
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF091i07N FÉILL PHEADAIR
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
[Joe Neil MacNeil:] Bhiodh iad a' cunntais fiodh a rachadh a ghearradh na co-dhiubh 's e fiodh airson sàbhadh na fiodh airson càradh challaidean na ge b' e dé 'm fiodh a bha iad a' gearradh—a ghearradh air earradhubh na Féill Pheadair; gum biodh e na bu bhuaine; gun tioramaicheadh e na b' fhasa agus gum biodh e buan. Sin a chuala mi daonnan iad ag ràdhainn nuair a bhiodh fiodh aca ri ghearradh; fiodh airson tughadh mullach an taighe na sian mar sin; fiodh sam bith a bha ri bhith a-mach fo 'n t-sìde, gun canadh iad a ghearradh air earradhubh na Féill Pheadair.