Back to recordings

Cleasan air an Oidhche Shamhna

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF091B1 CLEASAN AIR AN OIDHCHE SHAMHNA


Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil



[Joe Neil MacNeil:] O tha mi an dùil nuair thigeadh 'ad a-staigh—uill ann a'—rium àm-sa nuair thigeadh 'ad a-staigh dhan taigh, cha bhiodh 'ad ach ri seanchas agus ri, a' cur seachad ùine a' fear a's chuideachd aca. Is rachadh, rachadh biadh a dh'ith'. Rachadh riarachadh a thoirt dhaibh de bhiadh. Rachadh tì dhaibh—a thoirt dhaibh is biadh. Tha mi cinnteach ann an àitichean nam biodh, nam biodh stuth làidir ann gu' faigheadh 'ad drama cuideachd. O tha cuimhn' agam air fhad a bhith ann an taigh air oidhche, Oidhche Chalainn agus chaidh an dram' a riarachadh mun chuairt air feadh nan taighean.
Uill airson Oidhche Shamhna, bhiodh 'ad a' falbh mun cuairt a dhèanamh chleas. Bhiodh 'ad a'—cha robh duan no sian, ach bhiodh 'ad a' dol chun na' taighean a dhèanamh chleasan. Tha mi cinnteach gun d' fhuair sibh eachdraidh air a' sin mar-tha.


[John Shaw:] Cha d' fhuair.


[JNMN:] Bhiodh 'ad a' dol dha na taighean a dhèanamh—thadhladh 'ad a-staigh ann an taighean 's a dhèanamh chleas. Ged a bhiodh 'ad a' dol mun chuairt, ma dh'fhaoidte 'goid càl 's a' dèanamh, a' togail callaidean 's 'gan crochadh suas air chraobhan no a leithid sin. Bu shuarach sin, ach cha robh sinne a' dèanamh ach, cha robh iad ach a' cur seachad na h-ùine, ach bhiodh 'ad a' dol dha na taighean a dhèanamh chleas.


[JS:] Hm-hmm.


[JNMN:] Dhèanadh 'ad cleasan a-staigh 'sna taighean, mar a bhiodh feadhainn dhe na cleasan a bha duilich gu leòr an dèanamh. Nuair a shuidheadh duine air botal cruinn air an ùrlar agus a chuireadh e a shàil air uachdair a choiseadh agus a dh'fheuchadh e ri snàithlean a chur 'san t-snàthaid, 's e 'na shuidhe air—bha sin, bha an obair sin gu math doirbh.


[JS:] Bha.


[JNMN:] Ar leam bhiodh 'ad a' magadh air duine, carson nach fuirich thu socair, no nach fhuirich thu modhail, is bhiodh an duine 'null 's a-nall. Ach nuair a bha thu eòlach gu leòr air a' ghnothach, dh'fhàsadh tu mu dheireadh cho cleachte ris, bhiodh a' snàth 'nad làimh agus an t-snàthad 'sa làimh eile is choinnicheadh tu 'ad, agus gheibheadh tu—ma bha thu ealamh gu leòr, nuair a bhuail thu an t-snàthad, fhuair thu snàth 'sa chrò, 's e snàthad mhór bhiodh ann—leig thu ás an snàth, uill dh'fhuiridheadh i. Dh'fhuiridheadh e ann a' sin, 's air an ath-turas a thill thu, gheibheadh tu greim air an t-snàth 's a tharraing. Ach bha e doirbh, dh'fheumadh tu, dh'fheumadh tu feuchainn gu math tric.


[JS:] Hm-hmm.


[JNMN:] Bhiodh feadhainn eile dhiubh, bha 'ad—rachadh aca, chuireadh 'ad prìne a's a', an ùrlar 's chuireadh 'ad botal falamh air mullach an cinn. 'S rachadh aca air a dhol sìos gus an toireadh 'ad a' phrìn' ás a' làr le fiaclan, agus tilleadh air n-ais gus am biodh 'ad 'nan seasamh, 's bha 'm botal fhathast air mullach an cinn, gun char a chur dheth. Ach 's e duine gu math, duine gu math ainneamh a dhèanadh sin, dh'fheumadh tu a bhith cho sùbailte agus dh'fheumadh tu a bhith cho falbh cho fàilidh. Agus nuair a bha am botal air do cheann, dh'fheumadh tu am botal a chur air ais, 's gum biodh tu a's an aon t-suidheachadh 's a bha thu dol nuair a bhiodh tu a' togail a' phrìn' ás an ùrlar 's e faighinn sìos air làr—bha e duilich.


[JS:] Bha.


[JNMN:] Bha 'creachadh a' bhodaich duilich gu leòr dhèanamh. Bha dà dhealag do mhaide, 'ad cuitheasach garbh, agus 'ad air a snaidheadh gu ceann biorach orra 's fear dhiubh sin a's gach làimh. 'S rachadh 'ad air bàrr an cas, agus air na làmhan, air an ùrlar. Agus dh'fheumadh 'ad falbh air a' socair sìos, bha phrìn' air a chur 'sa làr, aig astar gus a' ruigeadh tu air. Is b' e ge dé bha an t-astar air a thomhas, bha phrìn' air a chur sìos. Agus dh'fheumadh tu bhith 'bruidhinn nuair a bha thu a' falbh. Dh'fhaighneachdadh fear, "Cà' bheil thu 'dol, a dhuine bochd?'"
"Tha mi 'dol a chreachadh a' bhodaich."
Agus, "A bheil thu cinnteach gun creach?"
'S "Air a' chluais ud, gun creach." Is dh'fheumadh tu fhéin a chumail air bàrr do chas agus cudrom air a' làimh seo, 's dh'fheumadh tu beantail dhen chluais, "Air a' chluais ud, gun creach."
Agus chuireadh tu sìos, dh'fheumadh tu an uair sin a' dol air n-aghaidh pìos, "Cà' bheil thu 'dol, a dhuine bochd?'"
"Tha mi 'dol a chreachadh a' bhodaich."
"A bheil thu cinnteach gun creach?"
"Air a' chluais ud, gun creach." Mura biodh tu còmhnard, rachadh car dhìot. Agus rachadh fhaighneachd ma dh'fhaoidte dhìot an dàrna turas, 's rachadh fhaighneachd, is dh'fheumadh tu dhol bho chluais gu cluais. 'S nuair a chaidh thu sìos 's a fhuair thu a' phrìn' thoirt ás a' làr le d' fhiaclan, bha thu an uair sin a' tòiseachadh air tilleadh air n-ais.
"Cà' robh thu, a dhuine bhochd?"
"Bha mi a' creachadh a' bhodaich."
"'S a bheil thu cinnteach gun do chreach?"
"Air a chluais ud, gun do chreach."
'S nuair a rachadh a faighneachd a-rithist, bha thu dà thuras agad ri freagairt mar sin, mu faigheadh tu tilleadh air n-ais gus éiridh 'nad sheasamh. Bha roinn do dh'obair air a dhol mu chuairt—


[JS:] Bha.


[JNMN:] —air a' ghnothach. Uill bha, airson cleasan, airson na cleasan eile a bh' aca Leum a' Bhradain. Bha thu dol sìos air an ùrlar, agus bha thu 'n uair sin a' gearradh leum is bha thu a' togail bàrr do chas far a' làr is bha thu a' bualadh do làmhan ri chéile.


[JS:] Hm-hmm.


[JNMN:] Agus tu os cionn an ùrlar, 's nuair a bha thu 'dol sìos, bha bàrr do chas a' bualadh air a' làr is do dhà làimhe, mar a bha thu roimhe. Dh'fhaodadh tu sin a dhèanamh cho tric 's a thogradh tu, no nan dhèanadh tu e aon turas, bha gu leòr ann, ach duine sam bith a rachadh aig' air a dhèanamh aon turas fhéin, bha—cha robh e furasta.


[JS:] Cha robh.


[JNMN:] Nan éireadh tu bho bàrr do chas air 's mun dh'éireadh tu suas far an ùrlair, agus do dhà làimh a bhualadh ri chéile, 's tha mi a' smaoineach gum biodh 'ad a' bualadh an dà shàil, bhiodh 'ad, bàrr an casan, bhon ùrlar, dh'éireadh 'ad suas, bhualadh 'ad a' sàiltean ri chéile, agus an dà làimhe. Is bha 'ad a' tilleadh air n-ais. Bha 'ad a' dol air an ùrlar mar a bha 'ad roimhe. Cha robh e furasta idir.


[JS:] Cha robh.


[JNMN:] Bhiodh ac' airson nan cleasan eile bhiodh aca, mar a bha Bogadh an Fhàinne anns a' ghloinn' uisge. Bha sin cumanta gu leòr, ach cha robh—dhèanadh duine sam bith sin.


[JS:] Hm-hmm.


[JNMN:] Cha robh 'ad—cha robh sin duilich a dhèanamh ann. Bhathar a' faighinn ròinean gruaigeadh 's 'ga chur thron fhàinne, fhàinne-pòsda, agus bhathar a' leigeil an fhàinne sìos trì turais a's a' ghloinn' uisge, is cha robh i buileach làn, bha—bhiodh pìos air fhàgail falamh aig bàrr an uisge is gu—nach beanadh a' fàinne dha 'n uisge. Is nuair a rachadh sin a thogail ás an uisge, dh'fhalbhadh a' fàinne air ais 's air adhart, agus bhualadh e ann an taobh na gloinne a-null 's a-nall 's a h-uile turas a bhualadh e, rachadh a chunntais. Ma thug e trì buillean, uill bha sin trì bliadhna mum pòsadh an duine a bha air a bhogadh an fhàinn' air a shon. Agus ann an iomadh cas, cha ghluaiseadh a' fàinn' idir, cha bhiodh e ach a' dèilearachd air ais 's air adhart, chan fhalbhadh e 'null no 'nall fada gu leòr airson a' ghloinne a bhualadh.


[JS:] Hm-hmm.


[JNMN:] Cha robh an duine sin a' dol a phòsadh, co-dhiù.


[JS:] Hm-hmm.


[JNMN:] Agus bhiodh neart do chomharradh do dhòigheanan aca air àireamh a thoirt 's air gnothaichean. Is bhiodh 'ad a-rithist airson nan thilgeadh 'ad bròg fairis air, air taigh, air mullach taighe—


[JS:] O bhiodh sin.


[JNMN:] —thilgeadh 'ad bròg, agus tha mi 'smaointinn gu robh 'ad a' cur an cùil ris an taigh. Neo ma bha thu, ma 's e làmh dheas a bhiodh, leis an caitheadh tu a spitheag, 's ann leis a' làimh chlì a dh'fheumadh tu a' bhròg a thilgeadh. Dh'fheumadh e tilgeil fairis. 'S ge b' e gu dé an taobh a bha aghaidh na bròigeadh nuair a, nuair a chaidh thu a-null gu 'n taobh eile, sin an taobh, sin an taobh a's a' robh a leannan.


[JS:] Hm-hmm.


[JNMN:] Ma chaith, ma chaitheadh fireannach bròg fairis, 's e an taobh a bha aghaidh na bròige sin an taobh a bha a leannan. Tha mi 'n dùil gur ann mar sin a bha e ag obair. [BREAK IN TAPE]
Bha. Bhite bruidhinn—bhiodh 'ad, mar a thuirt mi, bhiodh 'ad a' tilgeadh na bròigeadh, 's ge b' e gu 'n taobh a bhiodh aghaidh na bròigeadh, b' e sin an taobh a' robh a leannan. Bha an uair sin, bha cleas eile aca 's bhiodh 'ad a' tilgeadh cearla shnàth thairis air mullach an taighe, ach tha mi smaoineadh gun do sguir 'ad dhe 'n fhear sin, bha cuid mhór dhiubh mu dheireadh coma dheth. Cha robh, cha robh an gnothach a' dol gu math idir.
Ach bha cleas eil' aca, agus dh'fhalbhadh 'ad a-mach, 's ann a-mach an comhair an cùil a bha 'ad a' dol. Agus bha 'ad a' buain ploc no ùir no rud air choireigin, thogadh 'ad pìos—rud dha 'n talamh. Agus thogadh—theireadh 'ad leotha sin a-staigh. Is bhathar an uair sin 'ga bhristeadh sin suas, thoirt ás a chéile, feuch a' faigheadh 'ad ròinean ann, ròinean gruaigeadh sam bith ann, fionna. Na' faigheadh 'ad ròinean ann, ged a b' ann fear, fear creutair air choireigin a thigeadh e, bha—bu dòcha a bhith ann, bhiodh 'ad a' dèanamh a-mach air sin an dath a bhiodh air gruaig a leannain. Agus bheireadh 'ad leotha an ròinean a bha sin, cùramach. Bheireadh 'ad leotha dhachaigh sin agus bha 'ad 'ga chur, 'ga chur sin fon chluasaig.


[JS:] Hm-hmm.


[JNMN:] Agus bha 'ad a' bruadal air a chitheadh 'ad aisling agus chitheadh 'ad a' leannan a's a', a's an aisling a bhiodh a' sin. Bha 'ad ris a' sin.
Agus bha cleas eile aca, a' dol toirt uisg' á allt a' crìch. Allt, allt a bh' eadar fearann dithist, mar gum bitheadh. Bha roinn fearainn agams' air an, air an taobh an iar dhe 'n allt is bha roinn fearainn an fhir eile air an taobh an ear 's e an t-allt a bha, a bhiodh eadarainn, mar gum bitheadh. Bha na bh' air an taobh seo dhe 'n allt a bha le fear, 's na bha air taobh eile, bha e le fear eile, allt a' crìch a bheireamaid ris. No mar a bheireadh 'ad tha mi cinnteach 'sa Bheurla, boundary.


[JS:] Seadh.


[JNMN:] Agus rachadh tu sìos gu 'n allt a bha sin 's thogadh tu balgam uisge ás an allt. Agus b' e cò an taigh a bha thu 'dol thuig' air chéilidh air Oidhche Shamhna, bha thu seasamh a-muigh aig an uinneig, no aig an dorast far an cluinneadh tu a bhruidhinn a bhiodh a-staigh. Agus dh'éigheadh 'ad air ainm air choireigin a-staigh ann a' sin, dh éigheadh 'ad ainm. 'S ge b' e ge an t-ainm a dh'éibh 'ad a-staigh a' sin, bha sin ainm an fhear no an té a bha an duine, an neach a bh' ann, a' dol a phòsadh.
Uill bha 'ad a' géilleachdainn dha, bha, a-réir mar na h-eachdraidh—fhuair mi eachdraidh air, agus bha chunntais fìor, a-réir mar a thachair. O chionn b' aithne dhomhs' grunn do dh'fhir a chaidh gu taigh, agus cha do—cha robh comas ach air uisg' a chumail 'na bheul ach aon fhear dhiubh. Nuair a bha—chaidh triùir aca sìos gu 'n an allt a' crìch' agus thog 'ad balgam ás an allt, ach nuair a bha fear a' togail a' bhalgam, thàinig rudeigin mar a bha smodal a bha 'tighinn a-nuas ris an t-sruth chaidh e 'na bheul, is chaith e sin a-mach ás a' bheul. 'S nuair a bha fear eile dìreadh a's a'—a-nuas a's a'—na bruthaich, dh'ionnsaidh a' rathaid, thàinig sleamhnach ás far 'na sheas e air clach, rudeigin, agus leig e an t-uisg' ás a' bheul ach chùm a' fear eile air. Agus tha fhios nach do bhruidhinn e is uisge 'na bheul. 'S nuair thàinig 'ad dh'ionnsaidh an taighe dh'fhuirich a h-uile h-aon aca sàmhach, bha fios aca gu robh esan, gu robh an t-uisg' aige 'na bheul, is dh'fhuirich 'ad uile 'nan tòsd. Is chaidh 'ad suas. Is chaidh éigheachd air té shuas, is 'ad ag iomairt chairtean aig a' bhòrd, dh'éibh té ainm air té seo, dh'éibh té do chàch' air a h-ainm. Co-dhiù, bha i 'son gun toireadh i leatha làmh chairt no gu dé a b' adhbhar dhi, no gu robh i air a mealladh nach d' thug i leatha no rudeigin, nach robh cairt mhath aice ge b' e dé bh' ann, dh'éibh i a-mach air a h-ainm. Agus chual' 'ad uile, ach cha robh uisge am beul gin ach an aon fhear, agus an t-ainm a dh'éibh 'ad, b' e sin a' chiad ainm a bh' air a bhean—bh' air an té a phòs an duine sin. Cha b' e—dh'innis fear dhe na bha còmhla rinn, dh'innis e dha—dhuinn an naidheachd, is bha e, a' fear seo, 'sa làthair nuair a bha e 'staigh. Is thuirt màthair a' ghille bha seo a bha 'g innse na naidheachd, thuirt i ris an fhear eile, "O," ars' ise, "tha mi cinnteach," ars' ise, "gur e sin an t-ainm a bhios air a' bhoireannach a phòsas tusa." Agus 's e sin a' chiad ainm a bh' oirre. Uill 's i chiad ainm a chual' 'ad.


[JS:] 'S ann mar sin a thuit a-mach.


[JNMN:] 'S ann mar sin a thuit a-mach. Is chuala mi naidheachd aig té eile air triùir, triùir nigheanan a chaidh gu allta agus thog 'ad uisge. Thug e, thug an triùir aca balgam de dh'uisge leotha ás an allt a bha seo. 'S chaidh 'ad suas gu fàillidh dh'ionnsaigh an taighe, agus dh'éibh cuideigin dha na bh' aig a' bhòrd, dh'éibh e air cuideigin dha na bha 'g iomairt nan cairtean aig an àm. 'S an t-ainm a dh'éibh an duine bha sin, 's e sin an t-ainm a bh' air an, a bh' air an triùir fhear. Phòs a h-uile té dhe na boireannaich sin, phòs 'ad fear agus sin an t-ainm a bh' air. Bha an aon ainm air a, air companach a h-uile té dhiubh, cha b' ann aig an aon àm a phòs 'ad. Bha 'ad air a-null 's a-nall bho 'n aimsir, ach 's e an aon ainm a thàinig a-mach air a h-uile, air a h-uile companach.


[JS:] 'S e.


[JNMN:] Agus uime sin bha e coltach gum biodh e 'g amas, co-dhiù bha ri creideis thoirt dha no nach bitheadh, ach bhiodh e an t-amas.
Bha an uair sin naidheachdan aca air far am biodh 'ad, mura d' fhuair nighean, no cuideigin nach d' fhuair falbh air Oidhche Shamhna, bu toil leotha a dhol mun cuairt air turais a dh'fhaicinn, agus chuireadh 'ad poit air an teine, steall do dh'uisg' ann agus spàl 'sa phoit. 'S rachadh e mun cuairt air an taigh. Tha mi 'smaointinn gun robh aca ri dhol mun cuairt trì turais 'son, airson tuathal—an aghaidh na gréineadh. Bha aca ri dhol mun cuairt—


[JS:] Hm-hmm.


[JNMN:] —trì turais 's coimhead a-staigh air an uinneig, is chitheadh 'ad boireannach a' tionndadh na lite a's an t-soitheach a bha seo. 'S na faiceadh 'ad, ma dh'fhaoidte gur e té nach fhac' 'ad riamh roimhe a bh' ann, ach dh'aithnicheadh 'ad i nuair a chitheadh 'ad a-rithist i. No ma 's e té a bh' ann a bh 'ad—cuideigin a bh' ann a bha 'ad eòlach air, uill dh'aithneachadh 'ad co-dhiù.
Uill, bha fireannach air an aon dòigh. Ma dh'fhaoidte gun cuireadh fireannach, a' bhoireannach co-dhiù, gun cuireadh i pìos do dh'aodach air cùl sèithear, thall an taice ris a' bhlàths a' tiormachadh. 'S air a thigeadh a choimheadadh i air a-staigh air an uinneig an deòghaidh i dhol mun chuairt air an taigh trì turais, chitheadh i fireannach a bhiodh a' seo, a' tionndadh an aodaich, phìos aodaich a bha seo, 's tionndadh e ris an taobh eile dheth ris a' bhlàths airson 's gun tiormaicheadh e.


[JS:] Hm-hmm.


[JNMN:] Agus tha e coltach gun aithnicheadh 'ad, gun aithnicheadh 'ad mar a bha an gnothach. Chuala mi naidheachd air fear agus bha 'ad air Oidhche Shamhna mu 'n taigh, agus chaidh esan a-mach a dh'iarraidh, a dh'iarraidh ploc airson 's gun toireadh—agus nuair a bha 'ad, fhad 's a bha esan a-muigh, spìon fear ròinean á druim a' choin.


[JS:] Hm-hmm.


[JNMN:] Is chùm e greim air a' seo. Is nuair a thàinig e 'staigh, thàinig esan a-staigh 's am ploc aige, 's ann a dh'fheumte riarachadh, pìos thoirt dha 'n h-uile h-aon. Is thugadh pìos dhe 'n fhear seo dha 'n phloc mar a bha an còrr. Agus "O," ors' esan, "a' ròinean a fhuair mi 'sa, 'sa phloc." Agus thugadh e, is thuirt a' fear seo, cha robh fhios aigesan dé thachair. Cha robh fhios aigesan air sian. Cha robh fios aige riamh gur e cleas a rinneadh air. Is dh'innis e dhomhsa, dh'innis e dhomhsa mun do—car mun àm a phòs e. Chan eil fhios a'm, beachd agam gu robh e pòsda, no bha e, bha e deiseil gu pòsadh a's an àm. Is dh'innis e dhomhsa naidheachd mu dheidhinn an oidhche a bha e ann—air Oidhche Shamhna. Agus fhuair 'ad ròinean a's a', a's a' phloc. Is thuirt e gun do chuir e ròinean sin fon chluasaig is chunnaic e 'n té a bha seo, cha b' aithne dha idir i. Ach chunnaic e i. 'S air a' chiad turas a chunnaic e i aig dannsa, greis ás a dheaghaidh sin, dh'aithnich e i. Agus sin an té a phòs e. [indecipherable] fhuair 'ad a' ròinean, ged a bha, ged a bha e á druim a' choin a thàinig e—


[JS:] Seadh.


[JNMN:] —dh'obraich e a-mach dhaibh.


[JS:] Dh'obraich.


[JNMN:] Bha gnothaichean cho neònach a's an dòigh sin ann. Ach, o bha—tha mi cinnteach gum biodh cuid ann do rudan nach robh 'ad a' dèanamh mòran, 'toirt mòran creideis dha. Ach airson nan cleasan a bhite dèanamh, bhathar a' dèanamh cuid mhór dhe na cleasan sin air an Oidhche Shamhna. Is bhite 'dèanamh cleasan orra airson dibhearsan a dhèanamh, dhèante cleas orra cuideachd. Bhite 'gan cur a choimhead air, nuair a bha 'ad cho gòrach 's gu rachadh 'ad a choimhead air na ròin, dà ròinean a bha a' sabaid. Chuirte dà ròinean ann an uisge, ann an soitheach—gur ann ach dìreach mu dhoimhneachd ma dh'fhaoidte gann òirleach a dh'uisge is chuirte an dà ròinean ann. Is rachadh fear a-null 'ga faicinn a' sabaid. Thigeadh amadan a-nall cha robh an còrr tùr ann, ma dh'fhaoidte gu tigeadh fear a-nall 's bha 'ad a' coimhead, is nuair a gheibheadh fear cothrom, cuireadh e làmh sìos, bhualadh e. Bha steall uisge a' dol fairis orra.
Bha sin, bha na cleasan sin aca bitheanta gu leòr an àiteachan. Ach 's e cleasan mar a bha Creachadh a' Bhodaich is Leum a' Bhradain is 'n fheadhainn sin, 's e cleasan doirbh. Agus am botal, chuir air an ceann 's a dhol sìos—cleasan doirbh a bha sin.


[JS:] Sin gu dearbha.




Joe Neil MacNeil
An Rubha Meadhanach | Middle Cape 583 recordings Faic pròifil | view profile