Back to recordings

A Mhàiri dhubh, a hù a ho

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF086i02 A MHÀIRI DHUBH, A HÙ A HO


Beulaiche: Mairead bean Ruairidh Iagain Ruairidh | Margaret MacLean



[Séist:] A Mhàiri dhubh, a hù a ho,
Mhàiri dhubh, ho rì ho rò,
Mhàiri dhubh, 's a Mhàiri dhonn,
Tha m' inntinn trom on dhealaich mi,
Ri Màiri dhubh, a hù a ho.


Latha dhomh 's mi falbh na sràid',
Có thachair rium ach mo ghràidh,
'S i togail uisg' á tobar làir,
Cha bhi mi slàn 's gu faigh mi i.


'S fhada chì mo shùil a' ghrian,
Seòladh ás an àird' an iar,
'S ri fear ùr cha bhi mo mhiann,
'S mo chiabhagan air tanachadh.


'S fhada chì mo shùil a' ghrian,
Seòladh às an àird' an iar,
'S ri té ùr cha bhi mo mhiann,
'S mo chiabhagan air tanachadh.


Chan ann dubh tha thu ach donn,
'S aotrom a ceum air a bonn,
Thuit mo chridhe is dh'fhàs mi trom,
Mo nighean donn nam meall-shùilean.


'S ann ort fhéin a dh'fhàs a' ghruag,
Camalagan buidhe ma chuairt,
Ribeanan 'ga cumail suas,
Is prìnean cruaidh 'ga teannachadh.


'S ann ort fhéin a tha falt grinn,
Buidhe, dualach, cuachach mìn,
Is fiamh an òir 's gach ròinnean mìn,
Is a' sìoda 'n déidh a theannachadh.


'S truagh nach robh mi fhéin 's tu fhéin,
A's a' ghleann am biodh na féidh,
'S binn thu na fìdheal nan teud,
'S am beus an déidh a theannachadh.


'S truagh nach robh mise 's tu fhéin,
A's a' ghleann am biodh na féidh,
'S binn thu na fìdheal nan teud,
'S am beus an déidh a theannachadh.


'S truagh nach robh mise fo 'n fhòd,
Ann an ciste chaoil nam bòrd,
Mun tug mi riamh an gaol cho mór,
Do sheòladair nam maraichean.


Nuair thig a' samhradh 's am blàths,
'S a theannas na flùr ri fàs,
Ruigidh sinne na siùil àrd,
Gu ruig mi sràid Amaireaga.









Reference sources:
Mac-Talla, vol. 12 no. 20 (1904), p. 159; The Casket, September 20, 1928, p. 8

Team notes:
Cf. Coinneach mac Raghnaill, "Màiri, air a bheil an aois," An Drochaid Eadarainn, https://web.archive.org/web/20240621162024/https://www.androchaid.ca/forum/na-h-%C3%B2rain/m%C3%A0iri-air-bheil-aois

Margaret MacLean
Baghasdal | Boisdale 50 recordings Faic pròifil | view profile