An Cuala Sibh mu na Bòtainnean
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF083i03 AN CUALA SIBH MU NA BÒTAINNEAN
Beulaiche: Seògan Màiri Dhanaidh | John Shaw
Bàrd: George MacAskill
[Séist:] Tha buaidh air an uisge-bheath',
Tha buaidh air nach còir a cleith,
Tha buaidh air an uisge-bheath',
Gun òlainn teth is fuar e.
'S an cuala sibh na bòtainnean,
'S e Calum rinn a Seòras 'ad,
Bha còrr air dusan òirleach unnt',
Gur e boys 'ad gu buaileadh.
'S nuair cuireadh e air na bòtainnean,
'S a dheidheadh e cros am pòna leo,
Chan iarradh e a sholas,
Ach bhith seòladh feadh a' chuain leo'.
'S nuair cuireadh e dheth na bòtainnean,
'S a chuireadh e ann a' chorner 'ad,
Bhiodh lànachd a chuid òrdagan,
Gu bòidheach anns na h-uachdair.
Treis mu 'n nochdadh Seòras rinn,
Gun nochdadh gob nam bòtainnean,
'S nuair a nochdadh Seòras rinn,
Bhiodh an còrr is thrì ceann shuas dhiubh.
'S bha Calum Ruadh ag innse dhomh,
Gun [do thomais/bu chòir saver/seaward?] 'ad,
Bu mhath dhomh cleith na fìrinne,
Gun innsinn dhi nach cual' e.
'S cha chan mi an còrr an-dràsda riut,
Mus gabh thu an droch-nàdur rium,
Gu faodaidh tu na sàilean ac',
Chur caran 'na mo chruachan.