GF083i03 AN CUALA SIBH MU NA BÒTAINNEAN Beulaiche: Seògan Màiri Dhanaidh | John Shaw Bàrd: George MacAskill [Séist:] Tha buaidh air an uisge-bheath', Tha buaidh air nach còir a cleith, Tha buaidh air an uisge-bheath', Gun òlainn teth is fuar e. 'S an cuala sibh na bòtainnean, 'S e Calum rinn a Seòras 'ad, Bha còrr air dusan òirleach unnt', Gur e boys 'ad gu buaileadh. 'S nuair cuireadh e air na bòtainnean, 'S a dheidheadh e cros am pòna leo, Chan iarradh e a sholas, Ach bhith seòladh feadh a' chuain leo'. 'S nuair cuireadh e dheth na bòtainnean, 'S a chuireadh e ann a' chorner 'ad, Bhiodh lànachd a chuid òrdagan, Gu bòidheach anns na h-uachdair. Treis mu 'n nochdadh Seòras rinn, Gun nochdadh gob nam bòtainnean, 'S nuair a nochdadh Seòras rinn, Bhiodh an còrr is thrì ceann shuas dhiubh. 'S bha Calum Ruadh ag innse dhomh, Gun [do thomais/bu chòir saver/seaward?] 'ad, Bu mhath dhomh cleith na fìrinne, Gun innsinn dhi nach cual' e. 'S cha chan mi an còrr an-dràsda riut, Mus gabh thu an droch-nàdur rium, Gu faodaidh tu na sàilean ac', Chur caran 'na mo chruachan.