Back to recordings

E a nigheann, o a nigheann

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF083I02 E A NIGHEAN, O A NIGHEAN


Beulaiche: Seògan Màiri Dhanaidh | John Shaw



[Séist:] É ho nighean, ó ho nighean,
É ho nighean chinn dubh àille,
Mo cheist cailin donn na buaileadh,
Dha 'n tug mo luaidh 's a dh'fhàg mi.


Thill e dhachaidh mu dheich uairean,
Air clàr ùr a chur dha 'n bhàthaich,
Thill iad socair air staidhre,
Feagal [straighlich?] gun cluinn càch e.


Nuair a chrom mi dha 'n a' chidsin,
'S ann a chlisg mi air mo chnàmhan,
Bha fear dhiubh le té 'sa chorner,
Fear eil' aig a' bhòrd le dhà dhiubh.


Bha mi còrr air dusan bliadhna,
'S mi ri [geasachd/'g iasgach?] air do nàdur,
Nuair nach d' fhuair mi mar bu mhiann leam,
Thilg mi bhuam a' lìon 's am bàta.


Bha mi còrr air ràith an dòchas,
Nach robh gòraich' 'na do nàdur,
Gus a' faca mi le m' shùilean,
Fear eile 'sa chùl 'gad thàladh.


'S far eil nigheanagan an tùs,
Tha mi 'n dùil gum bheil 'ad stàirneil,
Ma thòisicheas tu suas ri 'n gualaidh,
Teichidh 'ad le fuachd droch-nàdur.


Chaidh i null a choimhead air dotair,
Dh'iarr i botail 'son a slàinte,
'S thuirt e gur e dealt na h-oidhche,
Thug e 'n greim airson do chàradh.


Latha dhomh 's mi falbh air astar,
Mi tighinn dhachaidh ás a' cheàrdach,
Thadhail mi an taigh a' Ghobha,
'S bha na nigheanan a' càrdadh.


Smaointich mi gun dèanainn fuireach,
Is gun cuideachainn le pàirt dhiubh,
Chaidh suipeir chuir air dòigh dhomh,
Cha d' fhuair mi ach còrr buntàta.


Chuir 'ad pìos de dh'aran eòrna,
'Son cuir dòigheil air mo làrach,
Cupa tì, chan eil mi cinnteach,
Cha d' fhuair mi ach pìos dha 'n t-sàsar.


'N cuala sibh mu 'n bhanais Leòid,
A bha 'muigh air còmhnard gàrraidh,
Bha trì fichead duine 's còrr ann,
Ged bha móran dhiubh chaidh fhàgail!


Nuair a shuidh sinn aig an t-suipeir,
Gu robh dish a's miosa b' fheàrr [riut?],
Truinnsear gruth air bainne gamhnach,
Far na [tholladh?] le buntàta.


John Shaw
Abhainn a' Chùbair | Indian Brook 55 recordings Faic pròifil | view profile