Hi ù o ra hù a
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF026i06 HI Ù O RA HÙ A
Beulaiche: Seògan Màiri Dhanaidh | John Shaw
Séist: I iù o ra hù o,
Mo rùn, mo nighean donn bhòidheach,
I iù o ra hù o.
A nighean bheag a th' aig a' chreag,
Tha feagal orm nach còrd sinn.
Shiùbhlainn fada, fada leat,
Cho fad' 's a bhios m'eòlais.
Shiùbhlainn leat an ear 's an iar,
Le each, gun srian, gun ròpa.
Shiùbhlainn feadh an t-saoghal leat,
Ach thus', a ghaoil, bhi deònach.
Shiùbhlainn leat dh'Amaireaga,
Na h-eileanan as bòidhche.
Ás a sin a dh'Eirinn,
Gu sràid na ceuman còmhnard.
Ás a sin a dh'Uibhist,
Far am buidhicheadh an t-eòrna.
A' dealachadh 's a' dealachadh,
Ach faigheadh fear eile cóir ort.
A' dealachadh ri' m ghruagach
'S a' gruaidhean mar na ròsan.
A' dealachadh ri 'm chruinneag,
Bha mi suidhicht' air a pòsadh.
A nighean bheag a th'aig an allt,
Tha mis' an geall do phòsadh.
'S tric a rinn sinn dealachadh,
Air clachanan bhòidheach.
Reference sources:
Gaelic Songs in Nova Scotia, eds. Helen Creighton and C.I.N. MacLeod (1964), p. 214