Òran do Bhall-Pàrlamaid Eachann Chaluim
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF082i05 ÒRAN DO BHALL-PÀRLAMAID EACHANN CHALUIM
Beulaiche: Dòmhnuill Sheana/Dòmhnaill Fhlòraidh Iain Dall Nìll Òig Nìll | Dan Murdock Patterson
Bàrd: Am Bàrd Ruadh , Lachlann MacMhuirich | Lachlan Currie
[Séist:] O hi rì le bha hò,
O hi rì le bha hò,
Hao ro 'illean thog i ò,
Mo chridhe trom 's cha neònach.
[Chunnaic/Agus?] sibhse gille Caluim,
Member Parliament an earrainn,
'S a bha math leam thu bhith fallain,
'S tu bhith fada beò ann.
Cha robh Ceap Breatainnn ach falamh,
Cha robh nì ann ach an talamh,
Gun do thoisich thu ri tarraing,
Is thug thu banc' an òr ann.
'S ged a ruitheadh tu election,
H-uile mìos, a h-uile seachdain,
['S am beag a' rud ri d' bharan?],
['S do?] rathad anns an [Tory / dory?].
'S e tha leòmach [chithear/fhear?] ['sa ghlasses?],
Air Sir John a bhith fo'n talamh,
[Soiridh?] mór a bhith gun cheannard,
'S [gun?] 's gu [Anna…?].
Notes (fieldnotes):
"SONG FOR M.P. EACHANN CHALUIM."