Back to recordings

Màili Dhonn, Bhòidheach Dhonn

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF081i04 MÀILI DHONN, BHÒIDHEACH DHONN


Beulaiche: Flòraidh Bheag | Flora MacLean



[Séist:] Màili dhonn bhòidheach dhonn,
Màili dhonn, 's i ruith seachad,
Màili dhonn bhòidheach dhonn,
Sgoltadh thonn 's gan cur seachad.


Thug mi còrr is mìle punnd,
Air a' ghùn dhut á Sasann,
Cha do chover siud do cheann,
Bha e gann anns na frasan.


[Séist:] Màili dhonn bhòidheach dhonn,
Màili dhonn, 's i ruith dhachaigh,
Màili dhonn bhòidheach dhonn,
Sgoltadh thonn 's gan cur seachad.


Nuair a bhithinn air an fhéill,
'S e do bhréid thigeadh dhachaigh,
Riggin' ur, thig 'on bhùth,
Ged bhiodh crùn air an t-slat dheth.


Thachair luingeas mhòr a' rìgh oirnn,
Bha sinn cinnteach ás astar,
Nuair a thog sinn a' siùil àrd,
Chluinnte gàirich fo achlais.



Flora MacLean
An Acarsaid | Shenacadie 11 recordings Faic pròifil | view profile