GF081i04 MÀILI DHONN, BHÒIDHEACH DHONN Beulaiche: Flòraidh Bheag | Flora MacLean [Séist:] Màili dhonn bhòidheach dhonn, Màili dhonn, 's i ruith seachad, Màili dhonn bhòidheach dhonn, Sgoltadh thonn 's gan cur seachad. Thug mi còrr is mìle punnd, Air a' ghùn dhut á Sasann, Cha do chover siud do cheann, Bha e gann anns na frasan. [Séist:] Màili dhonn bhòidheach dhonn, Màili dhonn, 's i ruith dhachaigh, Màili dhonn bhòidheach dhonn, Sgoltadh thonn 's gan cur seachad. Nuair a bhithinn air an fhéill, 'S e do bhréid thigeadh dhachaigh, Riggin' ur, thig 'on bhùth, Ged bhiodh crùn air an t-slat dheth. Thachair luingeas mhòr a' rìgh oirnn, Bha sinn cinnteach ás astar, Nuair a thog sinn a' siùil àrd, Chluinnte gàirich fo achlais.