Tha Móran Dhaoine a' Fanaid Orm
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF081I01 THA MÓRAN DHAOINE A' FANAID ORM
Beulaiche: Seonaidh Aonghuis Bhig | Johnny Williams
Bàrd: Dùghall Iain Ruadh | Dougall MacLennan
Tha buaidh air an uiste-bheatha [uisge-bheatha],
Tha buaidh air ach chòir a cleith,
Tha buaidh air an uiste-bheatha,
Gun òl mi té is fuar ann.
'S tha móran dhaoine fanaid orm,
'S chionn 's gun òl mi dramaichean,
'S gu bheil fear fiadhaich falbh,
Gus an càrar anns an uaigh e.
Tha móran, móran mulad orm,
Cha robh riamh do dh'uiread orm,
A' cuimhneachan a chunna mi,
'S gu 's fheudar fuireach bhuapa.
'S a' togail feur á h-aibhnichean,
'S a' cur buntàt' an cuibhlichean,
'S, a Rìgh, nach toirear soirbheas,
Cha chumadh aireach suas e.
'S tha rathad mór a dh'fhairich sinn,
Gu bhith draibheadh fàsaichean,
'S, a Rìgh, nach robh mi an Afraga,
'S gun draibh mi an t-each ruadh ann.