Back to recordings

Tha Rudeiginn, Tha Rud Ann

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF080i03 THA RUDEIGIN, THA RUD ANN


Beulaiche: Seonaidh Aonghuis Bhig | Johnny Williams
Bàrd: Dùghall Iain Ruadh | Dougall MacLennan



[Séist:] Tha rudeigin, tha rud ann,
Na bheil ann gu robh mi coireach,
Tha rudeigin, tha rud ann.


'N cuala sibh mar a dh'éirich dhomhsa,
Gillean òg' a bhios air coire,
Rinn 'ad [laran?] orm a sgrìobhadh,
Gus a h-uile nì bhith laghail.


Gun dug 'ad mis' gu h-àit' Iain Ruairidh,
Far robh sluagh a' sin mar coinneamh,
Saoil aca gum bhitheadh spòrs,
Ach air an oidhche a bha coireach.


Dh'éirich a' Siosalach an uair sin,
Ged bu dualach tu bhith coireach,
Cùm a-mach na bheil shuas dhiubh,
Air sàilleabh na gruagaich bhuidhe.


Dh'éirich MacRaing air an cùlaibh,
Chan eil reusan cuairt na lagha,
Ma nì e a' chruinneag a phòsadh,
Saoraidh e an còrr do dhraghan.


'S rud nach dèan mi fhad 's bhios beò mi,
Ged a bhiodh an t-òr mu 'm choinneamh,
'S mór gum b' fheàrr leam suim a' fine,
'Na mo làmh a thoirt dha 'n chruinneig.


'S gura mise tha gu tùrsach,
Chan eil h-aon an dùil 's a's toigh leam,
Chan dèan mi mìrean no sùgradh,
'S mo leannan an dùthaich eile.


'S gura mise tha gu brònach,
Dìreadh 's a' teàrnadh na beinneadh,
Chan fhaic mi tighinn am bàta,
Solus aig mo ghràidh 'na deireadh.


Gur ann aig allt Mhic'IlleMhìcheil,
Bha na h-ìghneagan bu toigh leam,
Dhannsadh 'ad air ùrlar clàraich,
'S smàladh 'ad le sàil a' choinneal.


'S rinn 'ad mis' a-nis ri dhìteadh,
Cheangail 'ad ri brig na lagh' mi,
Chuir 'ad mi fo shuim a' phàighidh,
Fhuair mi nota anns a' chòinneach.





Team notes:
Cf. Johnny MacLennan, "Òran do Dhùghaill Mac'IllFhinnein," interview by John Shaw, Cape Breton Folklore Collection, St. Francis Xavier University, June 16, 1979.

Johnny Williams
Crìochan Bràigh na h-Aibhneadh | Melford 59 recordings Faic pròifil | view profile