Back to recordings

Eòlas mu Bheathaichean

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF079i02 EÒLAS MU BHEATHAICHEAN


Beulaiche: Peigi bean Sheumais Alasdair Pheadail | Peggy Smith



[Peggy Smith:] Alright, bha na h-uile, a h-uile sìon seachad an oidhche—moch 'sa mhadainn dh'éirich 'ad. O, bha 'ad an deaghaidh currac a dhèanadh nach cuala sibh riamh a leithid. Bha 'm buntàta, bha e 'fàs suas fad a' latha 's ann an oidhche dh'fhaodadh 'ad a bhuain 's ith'. Ach dar a bha àsan ri tighinn, chunnaic 'ad dhà no trì phàircean dha na mucan, fhios agad, ann an àite. 'S tha seachd boinnean do dh'fhuil an Donais ann an sròn na muiceadh.
Chan urrainn do dhuine an ceann—Faodaidh tu an ceann ag ith' ach dìreach bho chùl nan cluas—ceann. Cha d' fhiach sin. Bha a' fear seo, bha e 'cumail oidhirp air 'ad, a h-uile dìnnear, ceann muic.
Ach, dh'fheumadh 'ad na bha de, dha do fheòil toirt—dha thoirt dheth. Ach cha robh 'ad a' beantail, dha 'n t-sròin aig a' mhuic. Chì thu, tha mi 'creid gu faca tu, bùraichidh 'ad le sròn is rud—


[John Shaw:] Hm-hmm.


[PS:] [Ar leithid?] 's air beathaich eich a thionndadh. Siud dar a chaidh fhaighinn a-mach gun deachaidh seachd boinnean do fhuil an Donais [innt'?]. Trì anns an fhitheach. Cha ghabh a' fitheach—cha dèan e feum dhutsa no dhomhsa na do dhuin' eile. Fitheach.


[JS:] Sheadh. Cha [...?].


[PS:] Cha ghabh e bruich.


[JS:] Aye.


[PS:] Trì boinnean do dh'fhuil an Donais ann.


[JS:] Ah ha.


[PS:] Shin agad e. Tha fhios. Bha sin, cha ghabh, cha ghabhadh sìon dèanadh dhe 'n fhitheach. 'S ann bu chruaidh' a bhiodh e fàs dar a chuireadh 'ad anns a' phoit e goil—


[JS:] 'S ann.


[PS:] —dar a bheireadh 'ad ann.


[JS:] 'S ann.


[PS:] 'S ann. Cha ghabhadh e sian ri dèanadh e feum do dhuine—do duine na do bheòthach no do rud eile. Uabhas do [dh'ealt?]. Cha robh 'ad [?]. O, bha rudan [BREAK IN TAPE] Bha e cho fine, [?] chover-eadh 'ad mullach nan taighean leis, uéir mhór a bha seo 's chuir 'ad an té fhine a' sin, air uachdar sin. Uill, dar 's chitheadh 'ad dé bha, dé bha fo na uéirichean, na [h-abhaich?] chrosta mar siud. Bha i, bha 'ad eagalach crosta. Mharbhadh 'ad sin duine. [BREAK IN TAPE] Ach, thug 'ad sùil. O, bha e eireachdail is do phìos bhuntàta, imrichean 's e bhiodh aca, cóig no sia dhiubh taobh ri chéile—o, bàrr is [flùrs?] orra. Chitheadh 'ad aig bun a' bhàrr cho mór 's a bha 'm buntàta siud. Bha 'ad 'gam ùireadh sin le Caimbeulaich. Dh'fhàg 'ad beòthach—['s fheansa/seansa?] fosgail 'ad saor na mucan a-staigh. O, rinn 'ad mess dha 'n a h-uile sian a bha seo. Na h-imrichean buntàta a bha seo.
O, thuirt a' fear sin, "Falbh 's innse dha 'n fhear aig a bheil na coin[-ne?]."
"Dé nì na coin bhochd?" thuirt esan.
"Ithidh na cuileanan [eagail?] 'ad e. O, leig thusa. Abair thus' a-nist, coimhead thusa dha." Is chaidh e a-null. Leig e mach ceithir dhe na coin. "Sticks, drive na beòthaichean ud dhachaigh is, Dhia, cumaidh 'ad aca fhéin 'ad. Tha sinne 'dol a bhith gun bhuntàta air a' gheamhradh," thuirt e an sin. Cha robh ach tionndadh a-mach is tòiseachadh air cur tuilleadh bhuntàta.
Uill, bha sin—fhuair 'ad a h-uile sìon air set ach chaidh na coin, chunnaic 'ad na mucan 's a-rithist, dé thoisich ach thug 'ad glamhadh na dhà do chomhartach a bha eagallach. 'S o, bha sin, nì sin sgob a' tighinn le beul dubh [...?] a' siud. Tha 'ad a' dol a dhèanamh deiseil airson na coin, fhios agad, a mharbhadh. Uill 's an té nach biodh an greim aice air thòn air muc, bhiodh greim aice air chluais. 'S o, Ìos', mharbh 'ad a' seachd, seachd dhiubh gun diog.
Dh'éibh a' fear aig a robh na mucan, 's e Caimbeulach a bh' ann, "Leig e leò an-dràst' gun gabhadh 'ad latha eile."
"Uill, cùm agad fhéin 'ad. Coimhead an Diabhail tha 'ad an deaghaidh dhèanadh air a' ghàrradh 's air a' bhuntàta 's an tuinneap, a h-uile sian a bha 'n siud. Bidh sinn starve-te air a' gheamhradh seo."


[JS:] Hm-hmm.


[PS:] Studaig na Caimbeulaich gum biodh 'ad fhéin a cheart a cho dona riuth'. Ach chaidh, chaidh na mucan dhachaigh 's feadhainn dhiubh 's 'ad a'—rud a bh' air an cùl, muc no rud pocan nan, na, nan cuaichean, chaidh sin ith' asd' uile gu léir 's bha 'ad struck-te marbh. Bha [tràth?] a leig—cha bhith [h-uile?] rud eile [?]. Chaidh cur ás dha na—chuir na Dòmhnallaich ás dha na Caimbeulaich ann am mionaid.
Chaidh sin dha—chaidh sin a chumail suas. Bhiodh 'ad a' fight 'ad fhéin 's ghabhadh muinntir nan coin, ghabhadh 'ad air an fheadhainn eile, 's o cha robh seo idir aig a' Chaimbeulach an uair sin, cha robh, cha robh, cha robh. Ghléidhich an Dòmhnallach na h-uile sian.
O Dhia fhéin, ach a' leabhar a bha siud. Tha e cho truagh 's a bha mi dar a chaill mi e.



Notes (fieldnotes):
"BELIEFS ABOUT ANIMALS. 1. PIGS 2. RAVENS. 3. CATS"

Peggy Smith
Loch Ainslidh an Iar | West Lake Ainslie 9 recordings Faic pròifil | view profile