An Turas do Mhàbu
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF077i02N AN TURAS DO MHÀBU
Beulaiche: Alasdair Dhòmhnaill Fhionnlaidh 'ic Dhòmhnaill | Alexander Beaton
Bàrd: Raghnall Mac Alasdair Bhàin | Ronald Beaton
Nuair a théid mi dhan a' Drochaid,
Cha bhi guth air a' chlann,
Cha bhi guth air bean-taighe,
Ged a bhiodh i gann,
Cha do dh'oighrich cion tì,
Cion lite no cion dram,
Cha d' thug mi deur dhachaigh,
Chuir mi fhlask thar a ceann.
'S beag a shaoil mi DiLuain,
Nuair chaidh mi suas leis a' chrann,
Gu rachadh mo bhuaireadh,
Cho cruaidh anns gach àm,
Mi cho eòlach mun chuairt dha,
Nuair a thogadh a cheann,
Dh'fhàg siud mise 'nam thruaillean,
Tha 'n-diugh cha ghluais mi ach mall.
Nuair a théid mi gu 'm éisteachd,
Seall fhéin mar a th' ann,
Cha toir a' sagart dhomh éisteachd,
Bheir e beum dhomh 's droch chainnt,
Ach ma bheir e dhomh éisteachd,
Ciamar a dh'éisteachd mi rann?
Faodaidh Muireach bhith coma,
Chan e chreideamh a th' ann.