GF077i02N AN TURAS DO MHÀBU Beulaiche: Alasdair Dhòmhnaill Fhionnlaidh 'ic Dhòmhnaill | Alexander Beaton Bàrd: ​​Raghnall Mac Alasdair Bhàin | Ronald Beaton Nuair a théid mi dhan a' Drochaid, Cha bhi guth air a' chlann, Cha bhi guth air bean-taighe, Ged a bhiodh i gann, Cha do dh'oighrich cion tì, Cion lite no cion dram, Cha d' thug mi deur dhachaigh, Chuir mi fhlask thar a ceann. 'S beag a shaoil mi DiLuain, Nuair chaidh mi suas leis a' chrann, Gu rachadh mo bhuaireadh, Cho cruaidh anns gach àm, Mi cho eòlach mun chuairt dha, Nuair a thogadh a cheann, Dh'fhàg siud mise 'nam thruaillean, Tha 'n-diugh cha ghluais mi ach mall. Nuair a théid mi gu 'm éisteachd, Seall fhéin mar a th' ann, Cha toir a' sagart dhomh éisteachd, Bheir e beum dhomh 's droch chainnt, Ach ma bheir e dhomh éisteachd, Ciamar a dh'éisteachd mi rann? Faodaidh Muireach bhith coma, Chan e chreideamh a th' ann.