Back to recordings
Òran do dh'Ameiriga
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF076i06i01N ÒRAN DO DH'AMEIRIGA
Beulaiche: Alasdair Dhòmhnaill Fhionnlaidh 'ic Dhòmhnaill | Alexander Beaton
Thoir soraidh bhuam a-null thar chuain,
Thar chuairt 'sa bhràigh nan gleann,
Gu tìr nam bruach, gur fada bhuam i,
Tìr na' fuar bheann àrd;
'S e tighinn a thàmh do 'n àite fuar,
A dh'fhàg mo shùilean dall,
Nuair sheòl mi 'n iar, a' triall bho m' thìr,
A Rìgh, gur mi bha 'n call.
Dh'fhàg mi 'n dùthaich, dh'fhàg mi 'n dùthchas;
Dh'fhan mo shùgradh thall,
Dh'fhàg mi 'n t-àite bàigheil, caomh,
'S mo chàirdean gaolach ann;
Dh'fhàg mi 'n tlachd an t-àit' a' faicear,
Tìr nam bac 's nan càrn,
'S e dh'fhàg mo smaointinn bhith nach fhaod mi,
Fuireach daonnan ann.
Reference sources:
The Emigrant Experience, ed. Margaret MacDonell (1982), p. 80