GF076i06i01N ÒRAN DO DH'AMEIRIGA Beulaiche: Alasdair Dhòmhnaill Fhionnlaidh 'ic Dhòmhnaill | Alexander Beaton Thoir soraidh bhuam a-null thar chuain, Thar chuairt 'sa bhràigh nan gleann, Gu tìr nam bruach, gur fada bhuam i, Tìr na' fuar bheann àrd; 'S e tighinn a thàmh do 'n àite fuar, A dh'fhàg mo shùilean dall, Nuair sheòl mi 'n iar, a' triall bho m' thìr, A Rìgh, gur mi bha 'n call. Dh'fhàg mi 'n dùthaich, dh'fhàg mi 'n dùthchas; Dh'fhan mo shùgradh thall, Dh'fhàg mi 'n t-àite bàigheil, caomh, 'S mo chàirdean gaolach ann; Dh'fhàg mi 'n tlachd an t-àit' a' faicear, Tìr nam bac 's nan càrn, 'S e dh'fhàg mo smaointinn bhith nach fhaod mi, Fuireach daonnan ann.