Bàs Chrìosda
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF075i04 BÀS CHRÌOSDA
Beulaiche: Danaidh Ceit Sara | Dan K. MacLeod
Tar-Sgrìobhadh: Bun is Bàrr, Làrach-lìn "An Drochaid Eadarainn" (Baile nan Gaidheal) | "An Drochaid Eadarainn" Website (Highland Village Museum)
Bha 'n dà chailleach a bha seo, bha 'ad a' fuireach cuideachd 's cha robh 'ad a' dol dha 'n eaglais idir. Ach, a' latha a bha seo, chunnaic 'ad am ministeir ri tighinn gu an taigh.
Dh'fhalbh Mór sìos dhan a' cheann shìos, thug i nuas am Bìoball. 'S chuir i air a' bhòrd e 's dh'fhosgail i e. Thàinig am ministeir a-staigh 's bha e 'bruidhinn ri Mór 's an ceann poile, choisich e a-null dhan a' bhòrd, "A Mhòr," ars' esan," tha mi 'faicinn," ars' esan, "gu bheil sibh a' leughadh," ars' e, "mu dheoghainn bàs Chrìosd'."
"O uill, a Dhia!" ars' i, "An do bhàsaich?" ars' i fhéin, "A bheil agad, dà còrr 's bliadhna nach d' fhuair sinn pàipear a's an taigh tha seo."