Back to recordings

Òran na Muiceadh

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF074I05N ORAN NA MUICEADH


Beulaiche: Donnchadh Alasdair Dhonnchaidh Alasdair | Duncan MacKay
Bàrd: John Morrison


[Séist:] A nighean donn an t-sùgraidh,
Mo chaileag bhòidheach, shunndach,
A nighean donn an t-sùgraidh,
Do chùram h-uile là rium.


Chan—chan eil mi math air bàrdachd,
Chan eil mi math 'sa Ghàidhlig,
Ach innsidh mis' an-dràsta,
Mu 'n uircean bhàn aig Calum dhut.


A nighean donn an t-sùgraidh.


Ged an cuir thu e—i dha 'n bhàthaich,
A' chrodh, cha robh i àirdeil,
'S ann a rinn e fàgail,
'S gun tug mo [lad?] am monadh air.


Thuirt Seonaidh Beag an uair sin,
"Fuirichibh sibhse bhuamsa,
Ma gheibh mi greim air chluais oirr',
Cha ghluais i ás a' sparran i."


Ars'—ars' Dòmhall Ruairidh Fhionnlaigh,
E falbh air a glùintean,
"Na [bùidsearan?] cho dlùth oirnn,
'S iad movadh mar an dealanach."


Ach nuair chaidh mi dha 'n cheann shìos ann,
Bha Dòmhnall ann 'na fiabhras,
Ag innse dhomh 's a' riasladh,
A fhuair e shìos na barren ud.


A nighean donn an t-sùgraidh.


Nuair ràn' mi àit' mo bhràthar,
Bha h-uile duine sàmhach,
Thuirt Esther a's a' Ghàidhlig,
"Bha an t-uiste [uisge] blàth 'sa chrannachan."


Ach gun d' thuirt i a-nise sìos i,
A' bhaile 'na h-obair iarainn,
Òlaidh e sin sìos i,
Ged bhiodh i geur 'san amhaich e.


A nighean donn an t-sùgraidh,
Mo chaileag bhòidheach, shunndach,
A nighean donn an t-sùgraidh,
Tu chùram h-uile là orm.


Gur fheudar dhomh sguir dhe m' bhàrdachd—




Duncan MacKay
An Abhainn Mhór | Grand River 2 recordings Faic pròifil | view profile