GF074I05N ORAN NA MUICEADH Beulaiche: Donnchadh Alasdair Dhonnchaidh Alasdair | Duncan MacKay Bàrd: John Morrison [Séist:] A nighean donn an t-sùgraidh, Mo chaileag bhòidheach, shunndach, A nighean donn an t-sùgraidh, Do chùram h-uile là rium. Chan—chan eil mi math air bàrdachd, Chan eil mi math 'sa Ghàidhlig, Ach innsidh mis' an-dràsta, Mu 'n uircean bhàn aig Calum dhut. A nighean donn an t-sùgraidh. Ged an cuir thu e—i dha 'n bhàthaich, A' chrodh, cha robh i àirdeil, 'S ann a rinn e fàgail, 'S gun tug mo [lad?] am monadh air. Thuirt Seonaidh Beag an uair sin, "Fuirichibh sibhse bhuamsa, Ma gheibh mi greim air chluais oirr', Cha ghluais i ás a' sparran i." Ars'—ars' Dòmhall Ruairidh Fhionnlaigh, E falbh air a glùintean, "Na [bùidsearan?] cho dlùth oirnn, 'S iad movadh mar an dealanach." Ach nuair chaidh mi dha 'n cheann shìos ann, Bha Dòmhnall ann 'na fiabhras, Ag innse dhomh 's a' riasladh, A fhuair e shìos na barren ud. A nighean donn an t-sùgraidh. Nuair ràn' mi àit' mo bhràthar, Bha h-uile duine sàmhach, Thuirt Esther a's a' Ghàidhlig, "Bha an t-uiste [uisge] blàth 'sa chrannachan." Ach gun d' thuirt i a-nise sìos i, A' bhaile 'na h-obair iarainn, Òlaidh e sin sìos i, Ged bhiodh i geur 'san amhaich e. A nighean donn an t-sùgraidh, Mo chaileag bhòidheach, shunndach, A nighean donn an t-sùgraidh, Tu chùram h-uile là orm. Gur fheudar dhomh sguir dhe m' bhàrdachd—