Mo chridhe trom 's duilich leam
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF074i04 MO CHRIDHE TROM 'S DUILICH LEAM
Beulaiche: Seògan Màiri Dhanaidh | John Shaw & Calum Thormoid Chaluim | Malcolm Angus MacLeod
[Séist:] Mo chridhe trom, 's duilich leam
'S muladach a tha mi,
Bho'n chuir mo leannan cùlaibh rium.
Té ùr cha tig 'na h-àite.
[Malcolm Angus MacLeod:]—Och, mo chruadail
Bu chruaidh a bhitheas a' làrach,
Tha Neptune 's i fo h-aodach,
Mo ghaol innte 'gam fhàgail.
[John Shaw:] Gur mise tha gu muladach
Gur duilich bhith 'sa làrach.
[BREAK IN TAPE]
—mi 'n dùthaich,
Gu robh mo ghaol [ràmh air?],
'G iarraidh anns a sgrìobhadh,
Nuair thig i mi a' landing.
Nuair chunnaic mis' an tòiseach thu,
'Nad shuidh' air tobht' a' bhàta,
'S e còig bliadhn' deug a dh'aois a bha thu,
A ghaoil, nuair thug mi ghràdh dhut.
Nuair [trom/teann?] mi dha'n a' chladach,
Is a sheallas mi 'nad bhàta;
Chan fhaic mi ann ach [?],
Iasgaich air a' chlàrag.
Bha mi 'n dùil gur maighdeann thu,
Gun dh'fhoighnich mi 'gad chàirdean,
Cha [cheilear?] do [uimhir?] leat,
A nighean [gràdh?] a màthair.
'S tha té am bràigh a' bhail' agam,
Tha té air a' bheinn an Geàrrloch,
An té an ceann Loch Òir dhiubh,
Gur bòidheach leam a dh'fhàs i.
Gur mise tha gu muladach,
H-uile madainn Sàbainn,
Mi ri coimhead nam pacaidean,
A-steach bho chladach Dhaibhidh.
Gur tùrsach mi ri m' làithean dhomh,
Gur muladach a tha mi,
Gu bheil do ghaol mar eallach orm,
Mi 'n dùil gur [call ar mais'?] e.
'S an oidhche chaidh mi dhachaidh leat,
Gun d' dh'aithnich mi do nàdar,
Cha d' thug mi fiù na suiteis dhut,
'S ann tug mi 'ad 'gad mhàthair.
'S nuair thàirgeas mi na [pòlaichean?]
'S thoirt [dòlaicheas?] mo nàdar,
Théid mi far a leantainn i,
An [dàrna?] dhomh 's [a phàistean/a' Chaisge?]
[BREAK IN TAPE]
[MAML:]—cruadal,
Bu chruaidh a bhith 'san àite,
A' Neptune 's i fo h-aodach,
'S mo ghaoil innte 'gam fhàgail.
'S e siud aim a' steamer—am bàt'—a bh' ann, Neptune.
Notes (fieldnotes):
"LOCAL WORDS"
Team notes:
Both Malcolm Angus MacLeod and John Shaw (Seogan Màiri Dhanaidh) sing the verses.