Mo Roghainn 'S Mo Rùn
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF074i03 MO ROGHAINN 'S MO RÙN
Beulaiche: Seògan Màiri Dhanaidh | John Shaw
[Séist:] Mo roghainn 's mo rùn a chunna mi 'n-dé,
Gun taghainn dhomh fhéin air bòidhchead i,
Mo roghainn 's mo rùn a chunna mi 'n-dé.
Latha dhomh ri siubhail bheann,
Gur trom a theann an ceò orm.
Nuair a chrom sinn dha'n a' ghleann,
Gun d' thachair maighdeann bhòidheach rium.
'S i le corran air a gualainn,
Dol a bhuain nan òg-lusan.
Thug mi 'mach i gu Cnoc Iar,
Is dh'iarr mi 'n iasad pòg oirre.
Chrom i ceann is rinn i gàire,
Chuir siud nàire mhór orm.
Rug i air a' chòta [bhàrr?],
[Ciamar bhàr?] na bòtannan.
'S thuirt mi rith', "An iarr thu [?]",
Nach [cuirinn-s' a làmh?] le còirichean.
Thuirt i, "Ma 's e fear thu air mo thòir,
Cha ruig thu 'n t-àit' an còir dhomh bhith."
Toil d' athar, toil do mhàthar,
Toil do chàirdean, pòsaidh sinn.
'S gum bi còmhdach air ar ceann,
'S [ann? ?] nuair rinn sinn falbh a' sin.
Reference sources:
The placename Cnoc Iar is mentioned in this track.