GF074i03 MO ROGHAINN 'S MO RÙN Beulaiche: Seògan Màiri Dhanaidh | John Shaw [Séist:] Mo roghainn 's mo rùn a chunna mi 'n-dé, Gun taghainn dhomh fhéin air bòidhchead i, Mo roghainn 's mo rùn a chunna mi 'n-dé. Latha dhomh ri siubhail bheann, Gur trom a theann an ceò orm. Nuair a chrom sinn dha'n a' ghleann, Gun d' thachair maighdeann bhòidheach rium. 'S i le corran air a gualainn, Dol a bhuain nan òg-lusan. Thug mi 'mach i gu Cnoc Iar, Is dh'iarr mi 'n iasad pòg oirre. Chrom i ceann is rinn i gàire, Chuir siud nàire mhór orm. Rug i air a' chòta [bhàrr?], [Ciamar bhàr?] na bòtannan. 'S thuirt mi rith', "An iarr thu [?]", Nach [cuirinn-s' a làmh?] le còirichean. Thuirt i, "Ma 's e fear thu air mo thòir, Cha ruig thu 'n t-àit' an còir dhomh bhith." Toil d' athar, toil do mhàthar, Toil do chàirdean, pòsaidh sinn. 'S gum bi còmhdach air ar ceann, 'S [ann? ?] nuair rinn sinn falbh a' sin.