Làir Dhòmhnaill Ruaidh
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF072I06-073I01 LÀIR DHÒMHNAILL RUAIDH
Beulaiche: Dòmhnall Mac a' Phearsain | Dan A. MacPherson
Bàrd: Donald MacPherson
'S fhuair mi làir o Dhòmhnall Ruadh,
'S thug mi nuas air halter i,
Chuir mi oirre harness ùr,
Is srian ùr is frosteran.
'S thug mi 'mach i ás a' bhàthaich,
Is thug mi null dha'n bharren i,
'S nuair a dh'òl i ás an fhuaran,
Bhuail i ris an talamh 'ad.
'S thug mi null i dhan an fhuaran,
B' uabhasach a' sealladh e,
Is dh'aithnich mi 'n uair na mhaol 'na cluasan,
Gu robh an uair a' teannadh oirre.
'S thàinig Peadar Mór is Iagan,
Nuas DiCiadain, fallas orra,
Dhèanamh [fàileadh/fàladh?] dha'n a' làiridh,
Chàraich 'ad 's a bharren i.
'S thàinig fithich mhór ghrànnd',
Á Newfoundland is car annta,
'G iarraidh mortgage air a' làiridh,
[Gheobh 'n t-àite falamh dhiubh?].
[Séist:] Hi il iù agus ó,
Mo chridhe trom cha charaich e,
Cha thaobh na caileagan mi,
Cha robh mi fhìn 'nam mharaiche.
Team notes:
Frosters are a type of nail used to keep both boots and horses' shoes from slipping on ice.