Back to recordings
Am Boban Saor: A' Phàirc
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF069i04N AM BOBAN SAOR: A' PHÀIRC
Beulaiche: Eòs Ailean mac Ruairidh Chaluim Ghobha | Joe Allan MacLean
—dh'fhalbh e," ars' ise, "sin agus thàinig e a-rithist agus thuirt e rium," ars' ise, "gu robh e 'coimhead pàirce choirce a bh' aige shuas ann a' siud aig a' ghille aige fhéin. Agus," ars' ise, "'tha a' phàirce,'" ars' esan, "'air am milleadh,' ars' esan, 'gun feans' idir oirre.'"
"Seadh," ars' ise, "Chan eil," ars' ise, "cha togadh sinn feansa riamh oir," ars' ise, "'s a tha a-huile creutair," ars' ise, "tighinn."
"Sin mar a tha mise," ars' ise, "feumaidh tu mo thoirt air falbh ás a' seo," thuirt ise. "Chan eil geàrd sam bi orm," ars' ise. "Agus feumaidh sinn a bhith falbh ás a' seo."