Back to recordings

Òran a' Chaiptein

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF050i03 ÒRAN A' CHAIPTEIN


Beulaiche: Flòraidh Bheag | Florence (Flora) MacLean
Bàrd: Iain Mhìcheil ‘ic Iain Mhòir ‘ic Iain Òig | Captain John MacKinnon


[Séist:] 'Illean ò, hoirean ì,
'Illean ò, hoirean ó
Faill ill eileadh 's oro ì
Gu dé nì mi mur fhaigh mi thu?


'S gur e mise bha gu cianail
Àm bhith dealachadh ri Catrìona,
Gun dùil a faicinn gu sìorraidh
Mu chrìochan Seanacadi.


Nuair a chaidh sinn air an t-snàmh
'Rìgh, 's e 'n sàile nach robh blàth;
Iagan Iain Dhòmhnuill cho làidir,
'S shnàmhadh e mar bhradan beag.


'S nuair a bha sinn as a' ghabhadh
'S dùil againn gum biomaid bàite,
Thuirt e, "M' eudail, Màiri Shandi,
B' àlainn a bhith 'n taice riut."


Co-dhiù bhios cùisean bog no cruaidh
Feumaidh mise cumail suas
Fhad 's a bhios mo [fhiasag/choisgeis?] ruadh
Cha toir mi suas nach fhaigh mi té.


Tha mi falamh anns an àm
'S mi gun sgillinn a gheibh dhomh dram
'S mur a bhiodh a' bhean 's a' chlann
Cha tugainn taing air Catherine.


'S nuair a thàinig sinn air tìr
Bha sinn fliuch, fuar, agus sgìth;
Bha sinn riatanach air tì,
'S gu cinnteach gu robh 'n t-acras oirnn.


Chaidh sinn suas gu taigh MhicAmhlaidh
On 's e a b' fhaisg' air làimhe oirnne,
Fhuair sinn aran coirce 's càbhraich
'S bu mhall leinn an t-altachadh.


Falbhaidh mi tràmh as a' Mhàrt,
Gabhaidh mi suas an canàl,
'S nì mi mar rinn Seumas Màiri,
Théid mi thàmh do Halifax.


Reference sources:
History of Christmas Island Parish, Archibald J. MacKenzie (1926), p. 159

Flora MacLean
An Acarsaid | Shenacadie 11 recordings Faic pròifil | view profile