GF050i03 ÒRAN A' CHAIPTEIN Beulaiche: Flòraidh Bheag | Florence (Flora) MacLean Bàrd: Iain Mhìcheil ‘ic Iain Mhòir ‘ic Iain Òig | Captain John MacKinnon [Séist:] 'Illean ò, hoirean ì, 'Illean ò, hoirean ó Faill ill eileadh 's oro ì Gu dé nì mi mur fhaigh mi thu? 'S gur e mise bha gu cianail Àm bhith dealachadh ri Catrìona, Gun dùil a faicinn gu sìorraidh Mu chrìochan Seanacadi. Nuair a chaidh sinn air an t-snàmh 'Rìgh, 's e 'n sàile nach robh blàth; Iagan Iain Dhòmhnuill cho làidir, 'S shnàmhadh e mar bhradan beag. 'S nuair a bha sinn as a' ghabhadh 'S dùil againn gum biomaid bàite, Thuirt e, "M' eudail, Màiri Shandi, B' àlainn a bhith 'n taice riut." Co-dhiù bhios cùisean bog no cruaidh Feumaidh mise cumail suas Fhad 's a bhios mo [fhiasag/choisgeis?] ruadh Cha toir mi suas nach fhaigh mi té. Tha mi falamh anns an àm 'S mi gun sgillinn a gheibh dhomh dram 'S mur a bhiodh a' bhean 's a' chlann Cha tugainn taing air Catherine. 'S nuair a thàinig sinn air tìr Bha sinn fliuch, fuar, agus sgìth; Bha sinn riatanach air tì, 'S gu cinnteach gu robh 'n t-acras oirnn. Chaidh sinn suas gu taigh MhicAmhlaidh On 's e a b' fhaisg' air làimhe oirnne, Fhuair sinn aran coirce 's càbhraich 'S bu mhall leinn an t-altachadh. Falbhaidh mi tràmh as a' Mhàrt, Gabhaidh mi suas an canàl, 'S nì mi mar rinn Seumas Màiri, Théid mi thàmh do Halifax.