'S iomadh caileag bhòidheach laghach
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF048i03 'S IOMADH CAILEAG BHÒIDHEACH LAGHACH
Beulaiche: Lauchlann Dhòmhnaill Nìll | Lauchie MacLellan
'S iomadh caileag bhòidheach laghach
A bhios 'na suidh' aig cuibhlidh,
A' snìomh nan rolag 's seinn nan luinneag,
Bidh gach currac binn ann;
A' snàithlean bòidheach ruith ro' meòirean,
Cothrom, còmhnard, sìnte,
A falt 'na dhual bhos cionn a cluais
'Ga chumail suas le cìr ann.
A nic Theàrlaich, air do shlàinte,
Bidh sinn càirdeil daonnan,
Bidh thusa 'fàs, bidh mise 'cnàmh,
'S mo cheann cho bàn ri faoileig;
Bu mhór leam an toileach a thug siod dhomhs',
A laighe blàth ri d' thaobh-sa,
Nuair thig an geamhradh, bidh thu sàs,
Aig nighean bhàn NicMhaoilein.
Nuair thig an geamhradh 's àm nam bainnsean,
Gheobh sinn dram' dhe 'n Tòiseach,
'S bidh Nollaig chridheil aig cloinn nighean,
'S aig na gillean òga;
Bidh mnathan òg a' ruith 's a' leum,
Is cuid dhiubh 'g éigheachd òran,
Bidh srannd aig bodaich ann a' fodar,
'S sogan orr' a' còmhradh.