Thug mi 'n oidhche raoir 'san àirigh
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF044I06_045I01 THUG MI 'N OIDHCHE 'RAOIR 'SAN ÀIRIGH
Beulaiche: Lachlann Dhòmhnaill Nìll | Lauchie (Dan N.) MacLellan
Bàrd: Iain am Pìobaire, John the Piper | John MacGillivray
Tar-Sgrìobhadh: Làrach-lìn "An Drochaid Eadarainn" (Baile nan Gaidheal) | "An Drochaid Eadarainn" Website (Highland Village Museum)
[Séisd:] Thug mi 'n oidhche raoir 'san àirigh,
Thug mi 'n oidhche raoir 'san àirigh,
An oidhche raoir gu cridheil, coibhneil,
Mir ri maighdinn na h-àirigh.
Mìle marbhphaisg aig an t-[suireadh?],
'S bochd le neach nuair théid i iomrull,
Bidh inntinn fo làn iomagain,
Gluasad cho simplidh ri mèirleach.
Oidhche dhomh 's mi iomall tìre,
Mi goirid de bheagan nìonag,
'Smaointinn mi gluasad bho ìosal,
Nochdadh mo bhrìodail le gràdh dhi.
Nuair ràinig sinn taigh an Dùnain,
Bha chòmhla ac' air a deagh dhùnadh,
'S a dh'aindeoin an eòlais mo thùir,
Gun thòisich na goid chùil ri rànaich.
Labhair mo chompanach rùnach,
Dèan stad 's feuchaidh sinn cleas ùr oirr',
Faigh thusa boiseag dhe 'n bhùrn,
'S gun cum sinn na lùdagan samhach.
Fhuair sinn a-staigh air bheag uamhainn,
Bha sinn furasda 'nar gluasad,
Ràna mi leaba nan gruagach,
'S chuir mi fhìn le stuaim mo làmh orr'.
Thuirt i rium, "Na tig na 's fhaide,
'S leanabh té eile 'nam achlais,
Chan eil rùm agad fon phlaide,
Bidh tilleadh dhachaidh mar thàinig."
Thuirt mi rith', "Na bi cho doichiollach,
Fuirich gu sìobhalta socair,
Dad a mhì-mhodh dhut cha nochd mi,
Gun éirich thu moch a-màireach."
Thuirt i, "Ma-tà thig fon aodach,
Bheir mise nochd mo leth-taobh dhut,
Air eagal 's gun dèan thu m' aoireadh,
'S chan ann airson gaol do mhànrain."
Nuair a rinn mi fhìn a h-socradh,
Ciod a rinn am pàist ach mosgladh,
Nuair a ghrìos mi e bhith tostach,
'S ann theann e 's droch-uair air rànaich.
Thuirt fear an taigh', "Thill le d' earras,
A chlann a chum mi 'nam chaithris,
Ar leam 's gum b' fheàrr leam anail,
Gur siùbhlach ur teanga le Gàidhlig.
Chuir a bhriathran mi o thapachd,
Eadar seòrsa nàire 's gealtachd,
Cha robh driùchd a bha 'nam chraiceann,
Nach tugadh cnag air a' làr dheth.
Dh'éirich a' chaileag 's i rùisgte,
Theann i ri lasadh a chrùisgein,
Mun d' fhosgail i ceart a sùilean,
Bha mis' air taobh cùil na fàrdachd.
Fhir a shiùbhlas chun a' bhaile,
Thoir mo shoraidh bhuam gu Anna,
'S innis dhi gun d' rinneadh èalaidh,
Do luchd-faire bh' air an àirigh.
Reference sources:
Comhchruinneacha do dh'òrain taghta Ghàidhealach, Patrick Turner (1813), p. 293; Mac-Talla, vol. 3 no. 11, p. 8; Fad air Falbh ás Innse Gall | Beyond the Hebrides, ed. Donald Fergusson et al (1977), p. 296; Gaelic Bards of Antigonish, ed. Trueman Matheson (2014), p. 5