Òran dha Bhràthair
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF042I04 ÒRAN DHA BHRÀTHAIR
Beulaiche: Lucy n'in Chatrìona ni'n Ailein Chaluim Pìobaire | Lucy Patterson
Bàrd: Catrìona nighean Ailein Chaluim Pìobaire, Ceatag Ailein | Catherine Patterson (Katie)
Tha mi toilichte mar bha mi,
'S ann a' dol dhachaigh a bha mi,
Nuair a fhuair mi naidheachd cràiteach,
Gun deachaidh, a ghràidh, do leòn.
[Séist:] Bha mi 'raoir gu sunndach, sunndach,
Bha mi 'raoir gu sunndach, sunndach,
Bha mise gu cridheil sunndach,
'S cha b' e leann a rinn mi òl.
'S éiridh a buidheann na dùthchais,
Esan a leòn 'sa bhrù thu,
Ach ma gheibh mi dha mo dhùrachd,
Cha bhi an triuthach fada beò.
Rinn e nàmhaid as a gàbhaidh,
Bhrist e do chas, bha i cràiteach,
Ach chan fhaigh e leis an dràst' 'ad,
Ged chosgadh e 'n t-àit' is shròin.
Is ged a bhiodh e goirt is gruaim leam,
Chuirinn té dha 'n thug 'ad shuas dhut,
'S leig e bhi fhaicinn dhan uasal,
Bha fear air gach uair air dhòigh.
Gur robh mise bha 'sa ghabhainn,
Nuair chunnaic mi mar a bha sibh,
Bha t' fhuil a' dòrtadh gu làr,
Is bha Màiri fo chràdh 's fo leòn.