GF042I04 ÒRAN DHA BHRÀTHAIR Beulaiche: Lucy n'in Chatrìona ni'n Ailein Chaluim Pìobaire | Lucy Patterson Bàrd: Catrìona nighean Ailein Chaluim Pìobaire, Ceatag Ailein | Catherine Patterson (Katie) Tha mi toilichte mar bha mi, 'S ann a' dol dhachaigh a bha mi, Nuair a fhuair mi naidheachd cràiteach, Gun deachaidh, a ghràidh, do leòn. [Séist:] Bha mi 'raoir gu sunndach, sunndach, Bha mi 'raoir gu sunndach, sunndach, Bha mise gu cridheil sunndach, 'S cha b' e leann a rinn mi òl. 'S éiridh a buidheann na dùthchais, Esan a leòn 'sa bhrù thu, Ach ma gheibh mi dha mo dhùrachd, Cha bhi an triuthach fada beò. Rinn e nàmhaid as a gàbhaidh, Bhrist e do chas, bha i cràiteach, Ach chan fhaigh e leis an dràst' 'ad, Ged chosgadh e 'n t-àit' is shròin. Is ged a bhiodh e goirt is gruaim leam, Chuirinn té dha 'n thug 'ad shuas dhut, 'S leig e bhi fhaicinn dhan uasal, Bha fear air gach uair air dhòigh. Gur robh mise bha 'sa ghabhainn, Nuair chunnaic mi mar a bha sibh, Bha t' fhuil a' dòrtadh gu làr, Is bha Màiri fo chràdh 's fo leòn.