Back to recordings

Òran a' Champa

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF042I03N ÒRAN A' CHAMPA


Beulaiche: Lucy n'in Chatrìona ni'n Ailein Chaluim Pìobaire | Lucy Patterson
Bàrd: Catrìona nighean Ailein Chaluim Pìobaire, Ceatag Ailein | Catherine Patterson (Katie)


[Séist:] An turas nach robh cearbach,
Thug a-nall a rubh' a' mhorghain mi,
Ag obair gu MacFhionghain ann,
'S gu dearbh 's e 'n duine còir e.


Gur ann 's a' mhuileann shàbhaidh ud,
A tha na gillean càirdeile,
'S ged thoil leam a bhith làmh riuth' 'ad,
'S 'ad gabhaidh math gu òrain.


'S bha gillean a's an t-àit' aca,
'S chan fhacas riamh an àiteigin,
A bhruidhinneas anns a' Ghàidhlig dhut,
Gun àrdan no gun mhórchuis.


Aonghas tha mi 'g ràitinn agus
Murchadh tha nas t' àillidh dhiubh,
John Malcolm cà' 'n do dh'fhàg mi thu,
Do dha a ghabhainn òran.


Cà 'n do dh'fhàg mi 'n còcaire,
'S e 'n gille laghach spòrsail e,
Gun d' thuirt mi fhín do dh'Ealasaig,
Gun còrdadh e ri 'm nàdur.


Fear aca Chloinn Ìosag e,
Gun e 'n gille laghach sìobhalta,
'S nam bithinn-sa nam nìghneag,
Dhèanainn dìcheall air bhith còmhl' ris.


Sguiridh mi dha 'n òran-sa,
Chan eil e idir dòigheil,
Mo bheannachd leis na Dòmhnallaich,
Tha 'n còmhnaidh 'sna dannsan.


Lucy Patterson
Pòn na Maiseadh | Benacadie 4 recordings Faic pròifil | view profile