GF042I03N ÒRAN A' CHAMPA Beulaiche: Lucy n'in Chatrìona ni'n Ailein Chaluim Pìobaire | Lucy Patterson Bàrd: Catrìona nighean Ailein Chaluim Pìobaire, Ceatag Ailein | Catherine Patterson (Katie) [Séist:] An turas nach robh cearbach, Thug a-nall a rubh' a' mhorghain mi, Ag obair gu MacFhionghain ann, 'S gu dearbh 's e 'n duine còir e. Gur ann 's a' mhuileann shàbhaidh ud, A tha na gillean càirdeile, 'S ged thoil leam a bhith làmh riuth' 'ad, 'S 'ad gabhaidh math gu òrain. 'S bha gillean a's an t-àit' aca, 'S chan fhacas riamh an àiteigin, A bhruidhinneas anns a' Ghàidhlig dhut, Gun àrdan no gun mhórchuis. Aonghas tha mi 'g ràitinn agus Murchadh tha nas t' àillidh dhiubh, John Malcolm cà' 'n do dh'fhàg mi thu, Do dha a ghabhainn òran. Cà 'n do dh'fhàg mi 'n còcaire, 'S e 'n gille laghach spòrsail e, Gun d' thuirt mi fhín do dh'Ealasaig, Gun còrdadh e ri 'm nàdur. Fear aca Chloinn Ìosag e, Gun e 'n gille laghach sìobhalta, 'S nam bithinn-sa nam nìghneag, Dhèanainn dìcheall air bhith còmhl' ris. Sguiridh mi dha 'n òran-sa, Chan eil e idir dòigheil, Mo bheannachd leis na Dòmhnallaich, Tha 'n còmhnaidh 'sna dannsan.