Back to recordings

Òran do dh'Fhear Chanaidh

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF042I02 ÒRAN DO DH' FHEAR CHANAIDH


Lucy n'in Chatrìona ni'n Ailein Chaluim Pìobaire | Lucy Patterson
Bàrd: Catrìona nighean Ailein Chaluim Pìobaire, Ceatag Ailein | Catherine (Katie) Patterson



['S e Iain Caimbeul] an t-uasal,
Bha suairce 'na nàdur,
Chan fhaiceadh sibh mun cuairt,
'S gur truagh leinn thu dh'fhàgail.


[Séist:] Fail ò ro mar dh'fhàg sibh,
'Cur cùl ri ur càirdean,
Gu bheil sinn uileadh tùrsach,
Gur 'n-ionndrainn a tha sinn,
Fail ò ro mar dh'fhàg sibh.


Gu robh mise deurach,
Nuair leugh mi 'sa phàipear,
Thu dol cho fada bhuainne,
'S nach d'fhuair mi bhith làmh riut.


Ach gu bheil mi 'n dòchas,
Mas beò agus slàn sibh,
Gun till sibh air a' bhòids',
Dha 'n chòmhlan a dh'fhàg sibh.


'S g' 'eil do bhean cho ciatach,
'S cho fiachail 's cho bàidheil,
Tha i crìdheil, coibhneil,
Làn aoibhneis is càirdeis.


'S—gu bheil mis' 'n dòchas,
Mas beò agus slàn sibh,
Gun till sibh air a' bhòidse,
Dha 'n chòmhlan a dh'fhàg sibh.


Reference sources:
Songs Remembered in Exile, ed. John Lorne Campbell (1990), p. 132; "B'e Caimbeulach an t-Uasal (Campbell Was a Noble Man)," Folksongs of Atlantic Canada from the collections of MacEdward Leach, https://mmap.mun.ca/folk-songs-of-atlantic-canada/performances/496

Lucy Patterson
Pòn na Maiseadh | Benacadie 4 recordings Faic pròifil | view profile