Back to recordings

Buachailleachd Chaluim Chille

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF041i04 BUACHAILLEACHD CHALUIM CHILLE


Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil


[Joe Neil MacNeil:] Bhiodh 'ad a chunntais, tha e coltach, gu robh e 'na bhuachaille, gum biodh e 'coimhead fairis air spréidh, o chionn, chanadh—bu mhinig a chanadh an t-seann-fheadhainn a chuala mise—bhiodh 'ad a' bruidhinn air tric, nuair a rachadh sibh far a' robh stoc, crodh no caoraich no eich no sian, gum bu chòir dhuibh ag ràidhinn Buachailleachd Chaluim Chille orra. Chuala sibhse siud?


John Shaw: [...?]


[JNMN:] Sheadh. Ge b' e ge dé an dòigh a's—'s ann thall, tha fhios gur ann thall ann am Barraigh, no thall 'san àite 's a' robh Calum Cille, gur ann a' sin a thachair an gnothach, gur ann timcheall air—gun do dhearbh e a bhith 'na bhuachaill' air dòigh air choireigin. Ma dh'fhaoidte gu robh crodh no mart a bhathar a dol a ghonadh, chanadh gu robh 'ad ag ghonadh—


[JS:] Sheadh.


[JNMN:] —a' chruidh. Ma dh'fhaoidte gu robh mart ann a bhathar a' dol a ghonadh agus gun do chuir Calum Cille air ais na buitsichean a bh' ann, 's gun do, gun do leigheis am mart no gun d' thàinig i ás a' gnothach a bh' ann. 'S ann ás a' sin a thàinig a' bhuachailleachd. Buachailleachd Chaluim Chille.



Joe Neil MacNeil
An Rubha Meadhanach | Middle Cape 583 recordings Faic pròifil | view profile