Back to recordings

Na Trì Adaichean Dubha

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF040i05 NA TRÌ ADAICHEAN DUBHA


Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil


Có aig an cuala mi 'n naidheachd. An naidheachd a dh'ìnns' fear Anndra Caimbeul dhuinn bho chionn àireamh mhór bhliadhnaichean. Bha cuideachd againn ann an taigh air oidhch' agus bha òrain is seanchas a' dol air n-aghaidh agus thog esan air agus thòisich e ri innse naidheachd bheag agus dh'ainmich e a's an naidheachd mu dhéidhinn an fhir a bha seo a bha 'falbh air ceann turais sònraichte agus a thachair na trì adaichean dubha ris. Agus bhruidhinn na h-adaichean agus dh'inns' 'ad dha an ceann turas air a' robh e 'dol. Agus mar a bha gu tachairt dha. Agus chan eil cuimhn' agamsa gu dé mar a chrìochnaich an naidheachd. Ach tha beachd agam air na h-adaichean dubha.


Notes (fieldnotes):
Source: Anndra Caimbeul; "FRAGMENT"

Joe Neil MacNeil
An Rubha Meadhanach | Middle Cape 583 recordings Faic pròifil | view profile