Mac Cailleach nan Trì Chaorach
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF040I02 MAC CAILLEACH NAN TRÌ CHAORACH
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig| Joe Neil MacNeil
Iain MacÌosaig, fear Iain MacÌosaig, 's ann aige a chuala mi an naidheachd air Mac Cailleach nan Trì Chaorach. Nist, bha an duine àraid a bha seo, bha e fìor mhath gu sgeulachdan. Ach bha e rud beag dona 's a' chlaisteachd, bha e car bodhar agus bhiodh e bruidhinn ìosal 's bha e cho duilich dhut a h-uile facal a chanadh e a glacadh air tàillaibh e a bhith bruidhinn ìseal.
Agus bha… 'creid gu robh feadhainn mu chuairt ann, ag éisteachd a's an àm 's ma dh'fhaoidte gum bithte deanamh fuaim s' a leig, ‘s leis a h-uile rud a bh' ann bhiodh gnothaichean a' dol seachad. Ach bha Mac Cailleach nan Trì Chaorach gu b' e gu dé na chaidh e roimhe suas dh'ionnsaigh an àm a bha seo, thàinig e gu àit' a' rìgh agus bhiodh e ag innse na naidheachdan móra mun na gnothaichean a thachair agus fhuair e biadh co-dhiù an àit' a' Rìgh agus tha e coltach nach do leig e air a bhith glé riaraichte a's a gnothach a bh' ann, 's thuirt a Rìgh ris a' Bhàn-rìgh gu robh e an dùil nach robh an duine seo gàbhaidh riaraichte às a bhiadh a fhuair e agus a-màireach feumaidh sin càbag thoirt dha agus co-dhiù chaidh sin càbag mhòr a' dheanamh 's a toirt dha, cuir air a bheulaibh air a bhòrd 's thuirt a Rìgh “nach brèagha a' chàbag a tha sin”.
"O, tha i bòidheach," ars esan.
"'S a' faca tusa càbag riamh cho mór sin?"
"O, chunnaic, ars esan, 's cuid mhór na bu mhotha na i seo, cha bhiodh i seo ach càbag bheag an taca ris an fheadhainn a chunnaic mise," 's dh'innse a fear a bha seo mar a bha 'ad a deanadh nan càbagan.
'S thuirt e gum biodh ‘adsan a cuir a' chrodh air uachdar àite agus gam bleoghann, cha bhiodh soithichean aca dhaibh. Bha na h-uibhir a chrodh aca 's cha robh 'ad ach gan ruith a-staigh ann an àite a bha 'seo agus an t-ùrlar fosgailte 's 'ad gam bleoghann 's a' leigeil sìos a' bhainne dhen an àite a bha gu h-ìosal mar gum biodh loch na rud a bh' ann.
Agus sin mar a bha 'ad a deanamh nan càbagan agus dh'innse e dhaibh mar a threobh e agus a chliath e Èirinn bho cheann gu ceann 's bho thaobh gu taobh. Agus mar a bhrist e druim an eich agus chuir e pìos d' mhaide-feàrna ann an druim an eich. Sin mar a chuala mise dhan an naidheachd, na bheil cuimhne agam air dhan naidheachd co-dhiù.