GF037i08_038i01N ÒRAN NA BAN-RÌGHINN Beulaiche: Eóghainn Nìll Eóghainn Iain | Dan Hughie MacInnis Bàrd: Ailean Dòmhnaill | Allan Dan MacInnis Tar-Sgrìobhadh: Froilig air Loidhne Tha an t-òran seo, 's e Òran na Ban-rìghinn a th' ann. 'S e fear a rinn an t-òran seo Ailean Dhòmhnaill mac Aonghais á Bràigh na h-Aibhne. Tha an t-òran seo—'s e—chaidh a dhėanadh car mar spite. Cha d'fhuair e fhéin cuireadh a dh'ionnsaidh na frolig idir. Agus, poidhle dha na coimhearsnaich mun cuairt nach d'fhuair cuireadh. Bha iad—cha robh iad glé thoilichte mu dheidhinn. Ach co-dhiù, chaidh—cha do chòrd e ri Ailean idir, agus smaointich gun déanadh e an t-òran seo car mar spite riuth'. [Séist:] 'S e cnuic 's glinn bu bhoidhche leinn, 'S e cnuic 's ghlinn a' Bhràighe; 'S ann tric bha sinn ri mànran binn, 'S e an comann cinn a b'fheàrr leinn. An cuala sibh mun fhroilig, A rinn 'ad aig àit' na Ban-Rìghinn; Air Oidhche Shamhna bha i ann, Bha stampa ann a bha gàbhaidh. Thug sibh Cloinn 'Ill'Illein ann, Cha d' thug sibh ann ur càirdean; Cha b'fhiach a' mhadainn uasail, Gu gruam a chur air—[break in tape] Bha Ailig Dhòmhnaill Bhoyd ann, Bha sìobhalta 'm measg càcha; Nam bhithinn-sa air bhith ann mi fhéin, Gun d'fhuair mi sràc air pàirt dhiubh. Bha mac Alasdair Mhór ann, Gille mór 's e làidir; Gun do dh'fhiathaich e na bh' air an danns Cha robh aon ann [cho glan/thug làmh?] ris. Bha Eairdsidh 'Ic IllFhaolain ann, A' fidhlearach mar b'àbhaist; Nam bithinn-sa air bhi ann mi fhéin, Gun do sheinn mi ruidhle làmh ris. Cha d' thug sibh Ailig Aonghais ann, Cha b'fhiach e le bha 'm measg chàcha; Ach nam bitheadh e air bhith ann, Gun d' fhuair e spórs air pàirt dhiubh. Ach ma nì sibh froilig tuilleadh, Beiribh ann ur càirdean; Beiribh ann Iain Dhòmhnaill, 'S Dòmhnall a bha làmh ris. Thuirt Annie 's i ag éirigh, Is i labhairt anns a' Ghàidhlig: "Illean a' Chross Roads, bithibh socrach, 'S mise fo chrùin a' bhanrigh." Gu robh na daoine fo ghruaim, 'S an uair a dh'fhàg 'ad baile; Gum b' fheudar cuir an darna taobh, Gu robh na daoine stàrbhadh. 'S fheudar dhomhsa sguir dha'n òran seo, Mun tòisich 'ad ri'm chàineadh; A' [?] 's i cho bòdhach, Còmhla rinn 'sa Bhràigh'.