Back to recordings

Òran do Sheann Taigh Sgoile

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF037i02 ÒRAN DO SHEANN TAIGH SGOILE


Beulaiche: Alasdair Chaluim Chaluim | Alec MacLean
Bàrd: Garat mac Fhionnlaigh Dhùghaill | Garrett MacDonald



Séist: Ged a tha mi air m' aineol,
Cha làigh smalan air m' inntinn,
Ged a tha mi air m' aineol.


Seann sgoil ann làithean m' òige,
Tha mi tòiseachdainn ri innse.


'S cha robh scribbler 's a' phrovince,
Móran eile a bha dhìth oirnn.


'S cha robh guth ac' air leughadh,
Tables agus beagan sgrìobhaidh.


'S cha robh guth ac' air leughadh,
Tables agus beagan sgrìobhaidh.


Leabhar leughadh agus gràmar,
'S mór a' ghràin a bh' againn féin orr'.


Nollaig cha robh fiù 's an candy,
Cha robh Sandy Claus 'san tìr ud.


'S cha robh fàsanan ùra,
Air gùnanan nan nighneag.


Ach dreasan fada drògaid,
Agus òpar orr' a' slìobadh.


'S gur 'ad fhéin a bha bòidheach,
Na na h-ìghneagan òg’ an diugh le sìoda.


'S cha robh guth air a' rud sin,
Na air phùtanan mìne.


'S cha robh guth air a' rud sin,
Na air phùtanan mìne.

Alec MacLean
Badaig Mhór | Big Baddeck 17 recordings Faic pròifil | view profile