GF037i02 ÒRAN DO SHEANN TAIGH SGOILE Beulaiche: Alasdair Chaluim Chaluim | Alec MacLean Bàrd: Garat mac Fhionnlaigh Dhùghaill | Garrett MacDonald Séist: Ged a tha mi air m' aineol, Cha làigh smalan air m' inntinn, Ged a tha mi air m' aineol. Seann sgoil ann làithean m' òige, Tha mi tòiseachdainn ri innse. 'S cha robh scribbler 's a' phrovince, Móran eile a bha dhìth oirnn. 'S cha robh guth ac' air leughadh, Tables agus beagan sgrìobhaidh. 'S cha robh guth ac' air leughadh, Tables agus beagan sgrìobhaidh. Leabhar leughadh agus gràmar, 'S mór a' ghràin a bh' againn féin orr'. Nollaig cha robh fiù 's an candy, Cha robh Sandy Claus 'san tìr ud. 'S cha robh fàsanan ùra, Air gùnanan nan nighneag. Ach dreasan fada drògaid, Agus òpar orr' a' slìobadh. 'S gur 'ad fhéin a bha bòidheach, Na na h-ìghneagan òg’ an diugh le sìoda. 'S cha robh guth air a' rud sin, Na air phùtanan mìne. 'S cha robh guth air a' rud sin, Na air phùtanan mìne.