Òran do Niall Gobha
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF036i01 ÒRAN DO NIALL GOBHA
Beulaiche: Alasdair Chaluim Chaluim | Alec MacLean
Bard: Garat mac Fhionnlaigh Dhùghaill | Garrett MacDonald
Tar-Sgrìobhadh: Froilig Thar-Sgrìobhadh air Loidhne | Online Transcription Frolic 2023-09-25
[Séist:] Fair ill éileadh ò,
Agus ho ill rithill ò ró,
Fair illean éileadh ò ró,
Tha mulad mór gun dh'fhalbh dhìom.
Gu dé bhith ann an spòrs sin,
Gu faigh sinn gunn' is ròpan;
Gun téid sinn air a' [bhòrd?],
Is gum faigh sinn beò na marbh e.
'S an [guy?] a bha 's a' léine,
Bha coltas air bha éibhinn;
A fhreagaireadh e 's' Bheurla,
"Away with us to Tarbert."
'S ann còrd e ri Phemie,
Nuair a ràinig i àite Mhìcheil;
Gu robh e treis 'na shìneadh,
'S a' sgrìobadh ás a' ghainmheach.
Bheirinn-sa mo bhòidsean,
A mhaireas tu air spòg orm;
Cha tig mi ri mo bheò-sa,
Gu pòsadh cùl an Tarbert.