GF036i01 ÒRAN DO NIALL GOBHA Beulaiche: Alasdair Chaluim Chaluim | Alec MacLean Bard: Garat mac Fhionnlaigh Dhùghaill | Garrett MacDonald Tar-Sgrìobhadh: Froilig Thar-Sgrìobhadh air Loidhne | Online Transcription Frolic 2023-09-25 [Séist:] Fair ill éileadh ò, Agus ho ill rithill ò ró, Fair illean éileadh ò ró, Tha mulad mór gun dh'fhalbh dhìom. Gu dé bhith ann an spòrs sin, Gu faigh sinn gunn' is ròpan; Gun téid sinn air a' [bhòrd?], Is gum faigh sinn beò na marbh e. 'S an [guy?] a bha 's a' léine, Bha coltas air bha éibhinn; A fhreagaireadh e 's' Bheurla, "Away with us to Tarbert." 'S ann còrd e ri Phemie, Nuair a ràinig i àite Mhìcheil; Gu robh e treis 'na shìneadh, 'S a' sgrìobadh ás a' ghainmheach. Bheirinn-sa mo bhòidsean, A mhaireas tu air spòg orm; Cha tig mi ri mo bheò-sa, Gu pòsadh cùl an Tarbert.