Dùghall na Sroine
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF035i01N DÙGHALL NA SROINE
Beulaiche: Alasdair Chaluim Chaluim | Alec MacLean
[Séisd:] Will you marry me, my bonnie, bonnie lassie,
Will you marry me, my dandy?
Answer me, my bonnie, bonnie lassie,
'S fhada bho'n a bha mis' an geall ort.
'S tha bodach a's an dùthaich ris an can 'ad Dùghall
'S fhada bha dùil aige pòsadh;
Ged a tha e liùgach is car na shùilean,
Gur e mhill cùis nach robh sròn air.
Anna Bheag a' chùbair, caileag laghach shunndach,
Ged tha i gun [aondach?] is stòras
Ghabhadh ise Dùghall ged a bhiodh e luideach,
Gum b'e fada lùdaig do shròin air.
'S ann thuirt nighean an Tàilleir 's ann agad tha a chàill dha
'S buidhe dhi [gun aithn'?] nach robh 'n còrr ann;
Rachainn 'gam mo bhàthadh a-mach á Rubh' an Tàilleir,
Mus gabhainn-sa [cailleach/càil ach?] gun sròin air.

'S gur mise bhios gu truagh dheth, ma bheir fear eile bhuam i;
'S mi bhith dèanamh suas rith' as t-samhradh;
Ma [?] air an tùirnear, 's gum [?] bhuam-sa,
Bidh mise 'cheart cho truagh dheth ri banndrach.
'S a naidheachd a chaidh innte, ma dheidhinn Niall 'ic Ìosaig,
Cha robh dad a [chinn a robh amhras?];
'S ged a bhiodh e 'n tòir oirre [?] coma dhomh,
'S tha mise 'dol a phòsadh mu Bhealltainn.
'S gur mise bhios gu truagh dheth, ma bheir fear eile bhuam i;
'S mi bhith dèanamh suas rith' as t-samhradh;
Ma thig an tùirnear, 's gum [?] e bhuam-sa,
'S bidh mise 'cheart cho truagh dheth ri banndrach.
'S tha mi ann an dòchas gum faigh mi i ri pòsadh,
O'n a bha ann tòir air as t-samhradh;
Ma bhios ise deònach, tha mise [gun robh i?] dòigheil,
Ma leigeas 's mise Seòras na [bhanntraich?].
Reference sources:
Clàrsach an Doire: Dàin agus Òrain, Niall MacLeòid (1883), p.105; Gaelic Songs in Nova Scotia, eds. Helen Creighton and C.I.N. MacLeod (1964), p. 52