GF035i01N DÙGHALL NA SROINE Beulaiche: Alasdair Chaluim Chaluim | Alec MacLean [Séisd:] Will you marry me, my bonnie, bonnie lassie, Will you marry me, my dandy? Answer me, my bonnie, bonnie lassie, 'S fhada bho'n a bha mis' an geall ort. 'S tha bodach a's an dùthaich ris an can 'ad Dùghall 'S fhada bha dùil aige pòsadh; Ged a tha e liùgach is car na shùilean, Gur e mhill cùis nach robh sròn air. Anna Bheag a' chùbair, caileag laghach shunndach, Ged tha i gun [aondach?] is stòras Ghabhadh ise Dùghall ged a bhiodh e luideach, Gum b'e fada lùdaig do shròin air. 'S ann thuirt nighean an Tàilleir 's ann agad tha a chàill dha 'S buidhe dhi [gun aithn'?] nach robh 'n còrr ann; Rachainn 'gam mo bhàthadh a-mach á Rubh' an Tàilleir, Mus gabhainn-sa [cailleach/càil ach?] gun sròin air. 'S ann thuirt nighean an Tàilleir 's ann agad tha a chàill dha 'S buidhe dhi [gun aithn'?] nach robh 'n còrr ann; Rachainn 'gam mo bhàthadh a-mach á Rubh' an Tàilleir, Mus gabhainn-sa [cailleach/càil ach?] gun sròin air. 'S gur mise bhios gu truagh dheth, ma bheir fear eile bhuam i; 'S mi bhith dèanamh suas rith' as t-samhradh; Ma [?] air an tùirnear, 's gum [?] bhuam-sa, Bidh mise 'cheart cho truagh dheth ri banndrach. 'S a naidheachd a chaidh innte, ma dheidhinn Niall 'ic Ìosaig, Cha robh dad a [chinn a robh amhras?]; 'S ged a bhiodh e 'n tòir oirre [?] coma dhomh, 'S tha mise 'dol a phòsadh mu Bhealltainn. 'S gur mise bhios gu truagh dheth, ma bheir fear eile bhuam i; 'S mi bhith dèanamh suas rith' as t-samhradh; Ma thig an tùirnear, 's gum [?] e bhuam-sa, 'S bidh mise 'cheart cho truagh dheth ri banndrach. 'S tha mi ann an dòchas gum faigh mi i ri pòsadh, O'n a bha ann tòir air as t-samhradh; Ma bhios ise deònach, tha mise [gun robh i?] dòigheil, Ma leigeas 's mise Seòras na [bhanntraich?].