Òran air Mathan
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF034i14N ÒRAN AIR MATHAN
Beulaiche: Alasdair Chaluim Chaluim | Alec MacLean
Bàrd: Garat mac Fhionnlaigh Dhùghaill | Garrett MacDonald
Tha clòimheach annta:
[Séist:] Mo nighean donn an t-sùgraidh,
Mo chaileag bhòidheach shunndach;
Mo nighean donn an t-sùgraidh,
Do chùl a h-uile là rium.
Am pàist' a chaidh dha 'n fhuaran,
Le pitcher dh'iarraidh uachdair;
Ach nuair a chual' i fuaim ud,
'S e a chluaiseineach thug i dhachaigh e.
'S gur ann a rinn e grànnda,
Air caoraich Sheonaidh Màiri;
Gun d' mharbh e anns a' phàirc 'ad,
'S a dhà air Murdock Alasdair.
'S gur ann a rinn e suarach,
Air caoraich Dhonnchaidh Ruaraidh;
'S e reitheanan a buaidh air,
'S gum bualadh e le chlaigeann e.
'S cha deanadh fheum air stàghail,
Tha 'n ceann aig anns an fhàsaich;
Chan inns' e gu bràch e,
Cò 'n t-àit na chuir e 'm falach e.
'S tha mathan beag cho guanach,
A' frithealadh na fuarain;
Ma bhios crodh air buaile,
Gum bi an t-uachdar agam-sa.
'S a' mhadainn, an àm éirigh,
'S mo bhiadh agam ri ghreidheadh;
An t-aran a rinn mi 'n dé,
An-diugh cho cruaidh ri arag baraille.
'S mo léin' agam ri chàradh,
'S gun mise math le snàthad;
Mo thriubhsair cha b'e an t-agh i,
Le tàirnean anns na galaisean.
'S an crodh ri chuir dha 'n bhuaile,
'S am bainne ri thoirt bhuatha;
'S a' chur troimh 'n t-inneal uachdair,
'S an uair sin chuir dha 'n chrannachan.
'S na laoigh 's 'ad ag éigheachd,
A' mhuc 'san fhang ag éigheachd;
'S na cearcan 's 'ad air ceigeireachd,
A' cur an céill gu robh an t-acras orr'.
'S tha am porch agam ri sgùradh,
Tha am bòrd is an t-ùrlar;
Ma phick mi'n clòsaid cùl,
Gum bi driùchd neo fallais orm.